Mìneachadh
Tha na riochdan a leanas de na faclan gnìomh air an cleachdadh airson òrdugh (no iarrtas) a thoirt seachad:
- bi (ri aon), bithibh (ri còrr is aon)
- Bi modhail!
- Bithibh foighidneach.
Agus le cuir:
- cuir (ri aon), cuiribh (ri còrr is aon).
- Cuir post-dealain thuca.
- Cuiribh dhibh ar còtaichean.
Tha na riochdan seo a’ gabhail a-steach sinn:
- bitheamaid/biomaid, cuireamaid
- Bitheamaid taingeil.
- Dèanamaid adhradh.
[Chan eil iad seo air an cleachdadh ach ann an suidhichidhean foirmeil, leithid adhradh.]
Tha an riochd seo air a chleachdadh airson òrdugh (no iarrtas) a thoirt do chuideigin seach an neach ris a bheilear a’ bruidhinn
- Cuireadh iad ceist a-steach thugainn agus bheir sinn dhaibh freagairt.
[Chan eil an riochd seo cumanta.]
Canar am freumh ris an riochd òrdanachaidh de fhaclan gnìomh mar cuir, fàg, dèan. Tha seo a chionn is gun gabh mòran de na riochdan eile a dhèanamh leotha, a’ leantainn nam pàtran seo:
- cuir – chuir, cuiridh, (a) chuireas
- dùin – dhùin, dùinidh, (a) dhùineas
- èist – dh’èist, èistidh, (a) dh’èisteas
- fuirich – dh’fhuirich, fuirichidh, (a) dh’fhuiricheas.