Bi, bithibh; cuir, cuiribh; bitheamaid/biomaid; cuireamaid; bitheadh, cuireadh
Gnìomh
Postairean
Faodaidh a’ chlann postairean/sanasan a dhèanamh airson a’ chlas.
me
Èistibh ris an tidsear! Bithibh modhail anns a’ chlas!
Bithibh sàmach nuair a tha an tidsear a’ bruidhinn!
Geasag dhraoidheil
Feumaidh a’ chlann geasag a dhèanamh suas gus cumhachd shònraichte fhaighinn, ’s docha comas sgèith, comas tìm a stad, neo-fhaicsinneachd msaa.
Feumaidh na sgoilearan liosta òrdughan a dhèanamh, sgrìobhte mar reasapaidh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
Cothroman tàr-churraicealaim
Eachdraidh – Daoine ainmeil
Coimhead air obair a rinn Heath Robinson. ’S e dealbhadair a bha ann, ainmeil airson dealbhan a dhèanamh air innealan ioma-fhillte airson ghnìomhan sìmplidh. No faodaidh iad coimhead air pìosan bho Wallace agus Gromit airson beachdan fhaighinn bho na h-innealan aca.
Iarr air na sgoilearan dealbhan a dhèanamh mar seo agus òraid bheag a thoirt dhan a’ chlas air ciamar a thèid obrachadh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
Ceòl
‘Illean bithibh sunndach
‘Illean bithibh sunndach
A-null air a’ bhòidse
Fàgail ar dùthcha
Gun dùil ri thighinn beò ann
‘Illean bithibh sunndach
A-null air a’ bhòidse.
‘Illean cridheil gaolach
Togaibh rithe h-aodach
Tha buidheann mo ghaoil-sa
Diardaoin ‘dol a sheòladh.
Gur mise tha gu cianail,
A’ fàgail a’ Chrianain
A’ dol don dùthaich fhiadhaich
A dh’iarraidh ar lòin às.
Tha sinn a’ dol dh’Ameireaga
Far nach bi cùram eil’ oirnn
Cho fad ‘s a mhaireas coille dhuinn
An Eilean Nova Scotia.
Faodaidh a’ chlann beagan rannsachaidh a dhèanamh air na h-eilthirich a dh’fhalbh à diofar dhùthchannan a dh’àiteachan mar Ameireaga, Canada, Astràilia agus an leithid.
Dh’fhalbh an duine seo a dh’Alba Nuadh, àite dhan deach mòran Ghàidheil agus far a bheil ceanglaichean dlùth fhathast ann. Dèan rannsachadh air a’ chultar an sin.
Faodaidh a’ chlann paragraf a sgrìobhadh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain,
air na chanadh iad ris na h-Eilthirich fhad ’s a bha iad a’ tòiseachadh air an turas fhada aca, no nuair a ruigeadh iad an dùthaich ùr aca.
Bithibh/Fuirichibh (DTT 2)
Duilleagan-obrach – Òrdughan & Madainn Diluain
Tòimhseachain – Mèirle air a’ bhanca
Geamaichean
Tha Sìm ag ràdh
Cuir suas do làmh
A’ Bhana-bhuidseach/Am buidseach