Skip to content

Cuiridh/an cuir – Òlaidh/chan òl

Mìneachadh

Tha caochladh dhòighean sa Ghàidhlig air innse mu rudan a thachras às dèidh seo, nam measg a bhith a’ cleachdadh nan riochdan a leanas de fhaclan gnìomh mar cuir:

  • cuiridh, an cuir, cha chuir, chuireas

Tha cuiridh air a chleachdadh nuair a tha e leis fhèin aig toiseach seantans (no ‘clàs’):

  • Fàgaidh tu do bhaga an seo agus coisichidh sinn dhachaigh còmhla.

[Tha –aidh air a chleachdadh mas e a, o no u a tha sa chiad phàirt den fhacal: fàgaidh. Tha tu air a chleachdadh an àite thu às dèidh –idh/aidh: Fàgaidh tu.]

Airson faighneachd an tachair rud, tha riochd goirid den fhacal air a chleachdadh:

  • An cuir mi air an cofaidh?
  • Am fàg mi an seo e?

Gheibhear am pàtran seo ann an suidhichidhean eile cuideachd mar:

  • Càit an cuir mi e?
  • Seo far am fàg mi e.

Tha an riochd a leanas air a chleachdadh airson a ràdh nach eil rud a’ dol a thachairt:

  • Cha chuir mi às an solas gun tig thu.                                                           
  • Cha fhreagair mi an litir seo.

[Chan eil t no d ag atharrachadh idir sa phàtran seo: Cha dùin sinn an doras, cha tuit mi.]

Nuair a tha am facal gnìomh a’ tòiseachadh le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù no le f + a/e/i/o/u, tha na riochdan a leanas air an cleachdadh:

  • Chan ith mi sin an-dràsta.
  • Chan fhàg mi an seo thu leat fhèin.

Tha an riochd chuireas air a chleachdadh às dèidh:

  • cò/dè/cuin a/carson a/ciamar a? (agus an leithid)
  • ma, ged a, mar a, nuair a, fhad ’s a, on a, a (agus an leithid).

Mar eisimpleir:

  • Ma chuireas tu dheth an solas, bidh e ro dhorcha.

Tha dh’ a’ dol ro fhaclan a’ tòiseachadh le f no le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù:

  • dh’fhàgas mi?
  • dh’innseas naidheachd?

[Tha –as air a chleachdadh an àite –eas mas e a, o no u a tha sa chiad phàirt: dh’fhàgas. Tha tu air a chleachdadh às dèidh -eas/-as agus –idh an àite thu: Dè ghabhas tu? Chan eil dh’ a’ dol ro f mas e l no r an ath litir: Cò fhreagas am fòn?]

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024