Facal gnìomh |
An rud a thachras |
Ceist/cha |
cò/ma/a … |
aithnich | Aithnichidh mi e. | an aithnich/chan aithne | ma dh’aithnicheas |
bris | Brisidh mi na biorain. | am bris/cha bhris | ma bhriseas |
cuir | Cuiridh sinn air an solas. | an cuir/cha chuir | ma chuireas |
cìr | Cìridh mi d’ fhalt dhut. | an cìr/cha chìr | ma chìreas |
dòirt | Dòirtidh tu am bainne. | an dòirt/cha dòirt | ma dhòirteas |
fuirich | Fuirichidh mi greiseag. | am fuirich/chan fhuirich | ma dh’fhuiricheas |
fliuch | Fliuchaidh an t-uisge thu. | am fliuch/cha fhliuch | ma fhliuchas |
freagair | Freagraidh mi am fòn. | am freagair/cha fhreagair | ma fhreagras |
gabh | Gabhaidh mi mo shùgh. | an gabh/cha ghabh | ma ghabhas |
glèidh | Gleidhidh mi an ad sin. | an glèidh/cha ghlèidh | ma ghleidheas |
ith | Ithidh mi dà bhriosgaid. | an ith/chan ith | ma dh’itheas |
leòn | Leònaidh tu thu fhèin. | an leòn/cha leon | ma leònas |
leugh | Leughaidh mi an leabhar. | an leugh/cha leugh | ma leughas |
mol | Molaidh sinn iad. | am mol/cha mhol | ma mholas |
nigh | Nighidh mi mo làmhan. | an nigh/cha nigh | ma nigheas |
òl | Òlaidh mi deoch bhainne. | an òl/chan òl | ma dh’òlas |
pòs | Pòsaidh sinn. | am pòs/cha phòs | ma phòsas |
put | Putaidh mi an càr dhut. | am put/cha phut | ma phutas |
ruith | Ruithidh iad air falbh. | an ruith/cha ruith | ma ruitheas |
suidh | Suidhidh mi aig an deasg. | an suidh/cha shuidh | ma shuidheas |
slaod snàmh sreap |
Slaodaidh sinn an ròp. Snàmhaidh mi an abhainn. Sreapaidh mi a’ bheinn. | an slaod/cha shlaod an snàmh/cha shnàmh an sreap/cha shreap |
ma shlaodas ma shnàmhas ma shreapas |
sguir sgrìobh smaoinich spìon splaisig spreadh stad |
Sguiridh sinn tràth. Sgrìobhaidh mi litir. Smaoinichidh mi ort. Spìonaidh mi an lus. Splaisigidh e san abhainn. Spreadhaidh am boma. Stadaidh an càr. |
an sguir/cha sguir an sgrìobh/cha sgrìobh an smaoinich/cha smaoinich an spìon/cha spìon an splaisig/cha splaisig an spreadh/cha spreadh an stad/cha stad spìon/cha spìon |
ma sguireas ma sgrìobhas ma smaoinicheas ma spìonas ma splaisigeas ma spreadhas ma stadas |
tuit | Tuitidh am cupa. | an tuit/ cha tuit | ma thuiteas |
tachair | Tachraidh sinn uaireigin. | an tachair/cha tachair | ma thachras |
ullaich | Ullaichidh mi biadh. | an ullaich/chan ullaich | ma dh’ullaicheas |