Skip to content

Tha mi a’…

Mìneachadh

Tha tha, a bheil, chan eil air an cleachdadh le faclan eile gus seantansan a dhèanamh.

Mar eisimpleir, faodar an cleachdadh airson sealltainn càit a bheil rud no cò ris a bheil rud coltach:

  • Tha na CDan sa bhogsa.
  • Tha i fuar an-diugh.

Faodar cuideachd an cleachdadh còmhla ri faclan a tha a’ seasamh airson gnìomh, mar ruith no ithe, gus innse mu rud a tha a’ tachairt aig an àm seo:

  • Tha na balaich a’ ruith.
  • Tha am bèibidh ag ithe biadh.

[Tha ag air a chleachdadh an àite a’ ro a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù.]

Tha am pàtran a leanas air a chleachdadh gus innse dè an rud no an neach ris a bheil an gnìomh a’ buntainn:

  • Tha mi a’ glanadh bòrd.
  • Tha mi a’ glanadh uinneag.

Ma tha an t-alt (am bòrd, an uinneag) a’ dol leis an fhacal, tha am facal ag atharrachadh, aig an toiseach agus uaireannan aig an deireadh cuideachd. Tha an seòrsa atharrachaidh a rèir a bheil am facal fireannta (mar bòrd) no boireannta (mar uinneag). Mar eisimpleir:

  • Tha mi a’ glanadh a’ bhùird.
  • Tha mi a’ glanadh na h-uinneig(e).

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse mu chòrr is aon rud:

  • Tha mi a’ dèanamh bhriosgaidean.
  • Tha e a’ reic chàraichean.
  • Tha an cù ag ithe nam briosgaidean.
  • Tha iad a’ cuideachadh nam bodach.

[Uaireannan tha riochd àraidh den fhacal air a chleachdadh an seo: Tha mi a’ cuideachadh nam bodach (an àite ‘bodaich’). Tha seo buailteach tachairt le faclan goirid (bòrd, loch) agus faclan a tha a’ crìochnachadh – -ach, -an/ean no –al/eal mar bodach, eilean, Gàidheal.]

Tha am pàtran a leanas air a chleachdadh nuair is ann dha mi, thu, e, i, sinn, sibh no iad a tha an gnìomh a’ tachairt:

  • A bheil thu gam fhaicinn (mi)?
  •  Tha mi gad chluinntinn (thu).

Gam (mi), gad (thu), ga (e), ga/ga h- (i), gar (sinn), gur (sibh), gan/gam (iad)

[Tha toiseach an fhacail ag atharrachadh às dèidh gam (mi), gad (thu), ga (e). Uaireannan tha gam/gad air an ràdh mar dhà fhacal: ga mo (gam), ga do (gad).]

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024