Obair ìre 1

Tha mi a’ sgrìobhadh; Tha mi a’ dèanamh dealbh; Tha mi a’ faicinn na gealaich; A bheil thu gam fhaicinn/gad/ga/ga h-/gar/gur/gan(m) faicinn?

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

A bheil thu ga thuigsinn?
Cleachd structaran mar seo gu tric nuair a tha thu an sàs ann am measadh is a’ cuideachadh le fèin-mheasadh.

 


Gnìomhan

Cuir crìoch air builgein cainnt

Cruthaich cloze mar a leanas agus leig leis a’ chloinn crìoch a chur air:

Image: Cuir crìoch air builgein cainnt

Pàidhrichean sheantansan
Dèan pàidhrichean de chairtean mar a leanas. Feumaidh a’ chlann am maidseadh. Ghabhadh seo a chluich mar gheama far am feum iad na cairtean a thionndadh suas feuch a bheil iad a’ maidseadh:


Tha mi a’ faicinn na gealaich                     Tha mi ga faicinn
Tha mi ag ithe reòiteag                                Tha mi ga h-ithe
Tha mi a’ togail tùr                                         Tha mi ga thogail
Tha mi a’ ceannach biadh                           Tha mi ga cheannach
msaa


Cothroman tar-churraicealaim

Dràma
Cleachd racaid-teanas no eile. Cuir timcheall a’ chearcaill i. Feumaidh gach duine rudeigin eile a dhèanamh leatha, me cur an ìre gur e sguab a th’ innte agus gu bheil iad a’ falbh air sgèith oirre, no gur e pana a th’ innte agus gu bheil iad a’ dèanamh brochan innte.

Feumaidh càch innse dè tha e no i a’ dèanamh:
(Thusa) Dè tha Sìm a’ dèanamh?
(Iadsan) Tha e a’ dèanamh biadh.

* Leudachadh:
Tha seo a’ toirt dhut cothrom ’S e … th’ ann a thaisbeanadh:
Dè th’ anns an racaid an turas seo?
’S e pana a th’ innte.

 

Print Friendly, PDF & Email