Mìneachadh
Tha an seantans ‘Bhris Iain an cupa’ ag innse dìreach gun do thachair an rud sin. Nam biodh adhbhar cuideam a chur air Iain – me, nam biodh argamaid mu cò bhris an cupa – tha am pàtran a leanas air a chleachdadh:
- ’S e Iain a bhris an cupa.
Sa phàtran seo tha an rud no neach air a bheil cuideam ga chur air a thoirt chun an toisich:
- ’S e Iain a bhris an cupa.
- ’S e cupa a bhris Iain (me, seach glainne).
Tha ’s e, an e, chan e air an cleachdadh nuair is ann air rudan no daoine (bogsa, tidsear) no air mi/thu/e/i/sinn/sibh/iad a tha an cuideam ga chur:
- An e an tidsear a thuirt sin riut? ’S e/chan e.
- ’S e thusa a tha an Ceannard ag iarraidh fhaicinn.
[Uaireannan canar ’s mise/’s tusa/’s esan/’s ise/’s iadsan an àite ’S e mise/’s e thusa/’s e esan/’s e ise/’s e iadsan: ’S tusa a rinn e.]
Tha ’s ann, an ann, chan ann air an cleachdadh leis na seòrsaichean fhaclan no abairtean a leanas:
- dubh, beag, math, dorcha
- a-muigh, thall, gu mall, a-raoir
- a’ cluiche, a’ dèanamh, a dhèanamh, gad iarraidh
- anns a’ bhùth, air an t-sràid
Mar eisimpleir:
- ’S ann dubh a tha falt Anna, chan ann ruadh.
- ’S ann an sin a thachair e.
- An ann a’ magadh orm a tha thu?
- An ann air a’ bhus a chaidh thu dhachaigh? ’S ann/chan ann.
[Faodar Is e/Is ann a chleachdadh an àite ’S e/’S ann ach chan eil iad cho cumanta. Faodar B’ ann, am b’ ann, cha b’ ann a chleachdadh airson rudan a thachair ron a seo ach chan eil seo cumanta nas mò.]