Mìneachadh
Tha an earrann seo mu dheidhinn a bhith a’ ceangal dà abairt no dà sheantans ri chèile am broinn seantans ùr – airson barrachd innse mu rud a thachair (no rud tha a’ dol a thachairt).
’S e an dòigh as sìmplidhe air seo a dhèanamh a bhith a’ cleachdadh agus no ach:
- Tha mi a’ dol a-mach an-dràsta ach cha bhi mi fada.
Tha am pàtran a leanas air a chleachdadh airson innse cuin no carson no ciamar a thachair rud, a’ cleachdadh faclan ceangail leithid nuair a, on a, ged a, fhad ’s a, mar a:
- Chunnaic mi rudan inntinneach nuair a bha mi ann an Dùn Èideann.
- On a chrìochnaich thu d’ obair tràth, faodaidh tu falbh.
- Bidh mi ag èisteachd ri ceòl fhad ’s a bhios mi a’ ruith.
- Dèan an obair mar a dh’innseas mise dhut agus bidh thu ceart gu leòr.
[’S e bhios, dh’innseas a tha air a chleachdadh as dèidh nuair a airson an àm ri teachd.]
Faodar na faclan ceist cò, dè, cuin a, carson a, ciamar a, carson a a chleachdadh cuideachd anns a’ phàtran seo:
- A bheil fhios agad cò tha thall an sin?
- Inns dhomh carson a rinn thu sin.
- Seall dhomh ciamar a chuireas mi air an coimpiutair.
Tha a na phàirt de na h-abairtean nuair a, on a, fhad ’s a, mar a, ged a agus de cuin a, carson a, ciamar a, carson a. Uaireannan tha a air a chleachdadh leis fhèin gus barrachd innse mu rud no neach:
- Seo an leabhar a tha mi a’ leughadh an-dràsta.
Tha na anns a’ phàtran a leanas ag obair anns an aon dòigh ri a:
- Thug e dhomh na bha aige de airgead.