Chunnaic mi rudan inntinneach nuair a bha mi ann an Dun Eideann. Bidh mi ag èisteachd ri ceòl fhad ‘s a bhios mi a’ ruith. Seo an leabhar a tha mi leughadh an-dràsta. Innis dhomh carson a rinn thu sin. A bheil fhios agad cò a thuirt sin?
Gnìomhan
Bidh naisgear a’ ceangal seantansan neo abairtean ri chèile.
Iarr air na sgoilearan agus no ach a chleachdadh airson na seantansan seo a cheangal.
Chuir mi orm mo bhrògan. | Chaidh mi a-mach a chluich. |
|
|
Dh’fhuirich mi airson a’ bhus. | Cha tàinig e gu 10 uairean. |
|
|
Chan urrainn dhomh snàmh. | ‘S urrainn dhomh ruith. |
|
|
Thèid mi dhan a’ bhùth. | Bidh mi modhail. |
|
|
Bha cas ghoirt aig Calum. | Chan urrain dha ruith an-diugh. |
|
|
Bha iad sgìth. | Chaidh iad dhan a’ phartaidh. |
|
|
Nighidh mi mo làmhan. | Nì mi cèic dhuibh. |
|
Taisbeanadh
Dèan taisbeanadh air a’ bhalla sgrìobhaidh le diofar naisgearan. Faodaidh a’ chlann seo a chleachdadh airson an sgrìobhadh aca a dhèanamh nas inntinniche.
Naisgearan
Bidh naisgear a’ ceangal seantansan neo abairtean ri chèile.
bhon | an dèidh | gu/gun | gus | ma | mas | mar | mur | mura | far | a chionn ‘s |
m.s.s.a.
Dè thachair an uair sin? (Còmhradh / sgrìobhadh)
Sgrìobh sìos diofar tòiseachaidhean seantans eadar-dhealaichte air pìosan beaga pàipeir. Feumaidh na sgoilearan pìos a thogail agus crìoch a chur orra, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
m.e.