Mìneachadh
Tha ann a’ dol còmhla ri mo agus do mar a leanas:
- nam/na mo (mi), nad/na do (thu), na (e), na/na h- (i), nar (sinn), nur (sibh), nam/nan (iad)
- A bheil thu ag iarraidh lioft na mo chàr-sa?
- Cuir an t-airgead nad phòcaid.
Anns an aon dòigh seo tha ri, le, do, fo, bho a’ dol le mo, do … gus na faclan ùra seo a dhèanamh:
- rim (mi), led (thu), da/dha (i/e), bhor (sinn), bhur (sibh), dhan/dham (iad).
- Chaidh mi ann còmhla rim bhràthair.
- Thug i preusant dham pàrantan.