’S e feòrag a tha ann

Mìneachadh

’S e am pàtran a leanas an dòigh as cumanta air a ràdh dè tha ann an rud no neach:
  • ’S e poileas a tha ann am Mata.
  • ’S e Sgitheanach a tha anns an duine sin.
  • ’S e eaglais a bha anns an togalach sin uaireigin.
Tha an rud no neach mu bheil an t-seantans (Mata, an duine, an togalach) an-còmhnaidh san àite mu dheireadh agus am mìneachadh (poileas, Sgitheanach, eaglais) anns a’ chiad phàirt (ron a).[Tha anns an/anns a’ mar as trice air an giorrachadh gu san/sa: ’S e eaglais a bha san togalach sin uaireigin, ’S e saighdear a bha sa bhodach nuair a bha e òg.]Nuair is ann mu mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad a tha an seantans, tha na faclan a leanas air an cleachadh:
  • annam (mi)
  • annad (thu)
  • ann (e)
  • innte (i)
  • annainn (sinn)
  • annaibh (sibh)
  • annta (iad).
Mar eisimpleir:
  • ’S e e dorsair a tha annam.
  • ’S e pìobairean a tha annta.
[Faodar b’ e, b’ e, cha b’ e a chleachdadh airson an àm a chaidh seachad – me, B’ e eaglais a bha san togalach – ach chan eil seo cumanta. Tha ’s e air a chleachdadh cuideachd airson barrachd air aon rud: ‘S e iasgairean a bha ann am Peadar agus Anndra.]
Print Friendly, PDF & Email