‘S e feòrag a tha ann; ‘s e caisteal a bha [an] sin uaireigin; ‘s e poileas a tha ann am Murchadh; ‘s e eaglais a bha anns an togalach sin ron a seo; ‘s e poileas a bha annam; annam, annad, ann, innte, annainn, annaibh, annta
Gnìomh
Cò th’ annam?
Mar gu h-àrd ach le daoine ainmeil no daoine à eachdraidh.
Faodaidh tu sanasan a ghearradh a-mach airson bathar air a bheil clann dèidheil, me suiteis, dèideagan msaa. Cuir an sanas no a’ bhileag air an druim agus feumaidh iad ceistean fhaighneachd, a’ cleachdadh pàtran na seachdain, airson faighinn a-mach dè tha ann.
“An e rud a bhios tu ag ithe a th’ ann?”
“An e teoclaid a th’ ann?”
“An e Mars Bar a th’ annam?”
(Math airson environmental print)
Bingo
Cairtean le obraichean orra.
Sgrìobhaidh gach duine liosta de chòig de na rudan mu bheil an cuspair. Cumaidh iad aca fhèin iad.
Leughaidh an tidsear a-mach “’S e … a th’ annam” le diofar obraichean. Nuair a chanas an tidsear fear de na h-obraichean air an liosta aca, sgrìobaidh iad às e. Leanaidh an geama air adhart mar seo gus am bi an liosta aig cuideigin deiseil air fad.
Canaidh iad an uair sin “Taigh!”
Airson a bhith cinnteach, feumaidh an duine a dh’èigh “taigh” an liosta aca a leughadh a-mach. “’S e tidsear a th’ annam, ’ s e bèicear a th’ annam,” msaa
Obraichean (1)
Cairtean a’ sealltainn diofar sheòrsa obraichean (nurs, dràibhear, bèicear). Thoir cairt do gach sgoilear.
Sgoilear a’ tighinn a-mach gu beulaibh a’ chlas agus a’ mimeadh na h-obrach a tha air a’ chairt aige. Tha a’ chlann eile a’ tomhas dè tha ann.
“An e … a th’ annad?” “’S e/chan e … a th’ annam.”
Obraichean (2)
A h-uile duine ann an cearcall agus aon duine a’ tòiseachadh le bhith ag ràdh,
“Is mise Catriona. ’S e tidsear a th’ annam.”
Tha an ath dhuine ag ràdh,
“Is tusa Catriona agus ’s e tidsear a th’ annad. Is mise Murchadh agus ’s e bùidsear a th’ annam.”
Tha an ath dhuine ag ràdh,
“Is ise Catriona agus ’s e tidsear a th’ innte. Is esan Murchadh agus ’s e bùidsear a th’ ann. Is mise Màiri agus ’s e dotair th’ annam.”
Cùm a’ dol timcheall a’ chearcaill mar seo.