Mìneachadh
Tha ’s urrainn, an urrainn, chan urrainn air an cleachdadh leis na pàtrain a leanas airson innse gu bheil e comasach do neach rud àraidh a dhèanamh:
- ’S urrainn dhomh fighe.
- ’S urrainn dhomh dràibheadh
- An urrainn dhut cèicean a dhèanamh?
- Chan urrainn dhomh càil fhaicinn.
- ’S urrainn dhomh am faicinn.
- An urrainn dhut ar cuideachadh?
- ’S urrainn do Dhòmhnall snàmh.
- ’S urrainn dhan bhalach seinn.
[Chan eil na faclan gnìomh (fighe) ag atharrachadh nuair a tha iad leotha fhèin, ach a-mhàin dol is tighinn: Chan urrainn dhomh a dhol ann, Chan urrainn dhomh tighinn/a thighinn.
Nuair a tha facal mar cèicean leis, tha a a’ tighinn ron fhacal gnìomh agus tha an toiseach aige ag atharrachadh. Chan eil a air a shealltainn ro f + a, e, i, o, u no ro a, e, i, o, u agus tha litrichean nach atharraich (ann an sgrìobhadh): l, n, r, sg, sm, sp, st.
Tha na faclan a leanas gan cleachdadh sa phàtran ’S urrainn dhomh am faicinn: mo (m’ ro f + a, e, i, o, u no a, e, i, o, u), do/d’, a (e), a/a h- (i), ar, ur (ar n-/ur n- ro a, e, i, o, u), an/am (iad).]
Tha am pàtran seo cuideachd air a chleachdadh le grunn abairtean eile, nam measg:
- Tha mi ag iarraidh, tha mi airson, bu chòir dhut, ‘s fheàrr dhut, bu toigh leam, b’ àbhaist dhomh, chuir iad romhpa, theab mi, dh’fheuch mi ri, tha agam ri, faodaidh/am faod/chan fhaod, feumaidh/am feum/chan fheum.
[Nuair a tha facal leis an alt (an/am, a’, an t-) air a chleachdadh le abairtean a’ crìochnachadh le ri, tha am facal agus an t-alt uaireannan ag atharrachadh: Tha mi ag iarraidh am balach fhaicinn ach Dh’fheuch mi ris a’ bhalach fhaicinn.]
Tha gun air a chleachdadh airson innse mu rudan nach urrainn neach a dheanamh no nach eilear ag iarraidh tachairt:
- Cha b’ urrainn dhomh gun gàire a dhèanamh.
- ’S fheàrr dhut gun càil a ràdh.
Tha a bhith air a chleachdadh airson innse mu staid no mu rudan a tha a’ tachairt tric:
- Feumaidh tu a bhith a’ dol ann nas trice.
- Tha mi airson a bhith deiseil tràth.
Faodar b’ urrainn, am b’ urrainn, cha b’ urrainn a chleachdadh airson an àm ron a seo:
- B’ urrainn dhomh ruith glè luath nuair a bha mi òg.