Skip to content

Obair ìre T

‘S urrainn dhomh dràibheadh. Chan urrainn dhomh càil fhaicinn. An urrainn dhan bhalach do chuideachadh? Cha b’ urrainn dhomh gun gàire a dhèanamh.
Feumaidh sinn a bhith a’ dol ann nas trice. B’ urrainn dhomh ruith glè luath nuair a bha mi òg.

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Pupaidean

A’ chlann a dèanamh sgeulachdan mu dheidhinn charactaran eadar-dhealaichte,
a’ cleachdadh phupaidean (eòin, beathaichean no daoine)

A’ chlann a’ bruidhinn mu dheidhinn rudan as urrainn dhaibh a dhèanamh agus rudan nach urrainn dhaibh a dhèanamh. Faighnich dhaibh rudan gòrach cuideachd airson an ùidh aca a chumail.

Tha Sìm ag radh
An tidsear no sgoilear ag ràdh, “Tha Sìm ag radh, ‘s urrainn dhomh ruith.”
No “Tha Sìm ag ràdh, chan urrainn dhomh snàmh.”

Ma chanas Sìm, “‘S urrainn…”ni a’ chlann seo. Ma chanas Sìm “Chan urrainn,” cha dèan a’ chlann seo.

Tha iad a-mach ma nì iad rud aig an àm cheàrr.


Gnìomh

Tha an gnìomh seo steidhichte air an òran ‘Is urrainn dhomh comhartaich.’

Is urrainn dhomh comhartaich

Chan urrainn dhomh leughadh,
Chan urrainn dhomh seinn,
Chan urrainn dhomh leughadh,
Chan urrainn dhomh seinn,
Chan urrainn dhomh leughadh,
Chan urrainn dhomh seinn,
Ach ‘s urrainn dhomhsa mialach,
Cò mi? – Cat!
Miau, miau, miau.

Chan urrainn dhomh dannsa,
Chan urrainn dhomh bruidhinn,
Chan urrainn dhomh dannsa,
Chan urrainn dhomh bruidhinn,
Chan urrainn dhomh dannsa,
Chan urrainn dhomh bruidhinn,
Ach ‘s urrainn dhomhsa comhartaich,
Cò mi? – Cù!
Huth, huth, huth.

Chan urrainn dhomh sgrìobhadh,
Chan urrainn dhomh cunntadh,
Chan urrainn dhomh sgrìobhadh,
Chan urrainn dhomh cunntadh,
Chan urrainn dhomh sgrìobhadh,
Chan urrainn dhomh cunntadh,
Ach ‘s urrainn dhomhsa gairm,
Cò mi? – Coileach!
Gog – a doodle – do!

Ionnsaich dhaibh an t-òran gus am bi iad gu math eòlach air. An uair sin, atharraich na facail airson rann eile a dhèanamh agus gabh e. Stad aig “Cò mi?”

Feumaidh a’ chlann tomhais dè th’ ann agus seinn gu an deireadh. Dèan a-rithist e leis a’ chloinn a’ seinn cuideachd.

An uair sin, thoir dhaibh cothroman na rannan aca fhèin a dhèanamh cuideachd


Cothroman tar-curraicealam

Dràma

“An urrainn dhut sreap mar mhuncaidh?”
“An urrainn dhut leum mar rabaid?”
“An urrainn dhut ruith mar luchag?”
“An urrainn dhut coiseachd mar Gruffalo?”

“‘S urrainn dhomh…”
“Chan urrainn dhomh…”


Orain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Is urrainn dhomhsa suidhe
Is urrainn dhomh comhartaich

 

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024