Mìneachadh
Tha na faclan Gàidhlig airson rudan agus daoine (bròg, uinneag) a’ leantainn pàtran àraidh a rèir co-dhiù a tha iad fireannta no boireannta, suidheachadh an fhacail san t-seantans agus na litrichean a tha aig toiseach, meadhan no deireadh an fhacail. Tha am mìneachadh seo a’ dèiligeadh ri faclan boireannta.
’S e na riochdan sìmplidh de fhaclan boireannta (bròg, sràid) leis an alt (an/am, a’, an t-):
- a’ bhròg, a’ bhùth, a’ chaileag, a’ ghruag, a’ mhàthair, a’ phiseag
- an abhainn, an eaglais, an ite, an obair, an uinneag
- an fhaoileag, an fhàinne, an fheòrag
- an t-seacaid, an t-seinn, an t-slige, an t-snàthad, an t-sreath
- an deoch, an tràigh
- an luch, an nighean, an rionnag
- an sgoil, an smaoin, an spàin, an staidhre.
Ma tha aig, air, anns, ris, don a’ tighinn romhpa, tha faclan boireannta a’ tòiseachadh le b, c, g, m, p ag atharrachadh aig an deireadh (ma tha sin comasach do na litrichean):
- a’ bhròg: leis a’ bhròig
- a’ phiseag: ris a’ phiseig
Tha faclan a’ tòiseachadh le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù agus le f + a/e/i/o/u a’ leantainn a’ phàtrain a leanas:
- an uinneag: aig an uinneig
- an eaglais: anns an eaglais
- an fheòrag: ris an fheòraig
- an fhaoileag: cho còir ris an fhaoileig
Tha faclan a’ tòiseachadh le s + a/e/i/o/u no le s + l, n, r a’ leantainn a’ phàtrain:
- an t-seacaid: air an t-seacaid
- an t-sràid: air an t-sràid.
Chan eil faclan boireannta a’ tòiseachadh le d, t, l, n, r no sg, sm, sp, st ag atharrachadh aig an toiseach ach tha an deireadh (ma tha sin comasach do na litrichean):
- an duilleag: air an duilleig
- an sgoil: anns an sgoil.
Ma tha facal eile no abairt leithid ri taobh no a’ leughadh a’ tighinn romhpa, tha faclan boireannta leis an alt (an/am, a’, an t-) ag atharrachadh mar a leanas aig an toiseach agus aig an deireadh (ma tha sin comasach do na litrichean a tha ann) agus tha an t-alt fhèin ag atharrachadh gu na/na h-:
- a’ mhuc: earball na muice
- a’ chuileag: sgiath na cuileig(e)
- an tunnag: ite na tunnaig(e)
- an sgoil: clag na sgoile
- an t-seacaid: ri taobh na seacaid(e)
- an t-sràid: fuaim na sràid(e)
- an uinneag: a’ fosgladh na h-uinneig(e)
- an fheòrag: nead na feòraig(e)
Mura bheil an t-alt (an/am, a’, an t-) leis an fhacal, tha am facal mar as trice ag atharrachadh às dèidh facal eile: ugh tunnaig(e), bus sgoile, làrach bròig(e). Chan eil seo cho cumanta às dèidh faclan gnìomh, ge-tà: a’ glanadh uinneag, a’ lorg sràid, a’ lìonadh duilleag le dealbhan.