an cat, an sruth, an t-aran; air a’ bhòrd, air an t-sèithear; leis an òrd, aig an doras; còta a’ bhalaich, fonn an òrain; ri taobh an t–sèithir; air cùl an dorais; doras càir, a’ dràibheadh càr
Feumaidh na sgoilearan a bhith comasach air tomhas a dhèanamh an ann fireannta no boireannta a tha an t-ainmear.
Boireannta – a’ mhàthair, an tè, an t-seanmhair, a’ phiuthar, a’ chearc, a’ bhò
‘S ann boireannta a tha cànain agus dùthchannan agus a’ chuid as motha de na h-ainmearan ioma-lideach tha a’ criochnachadh le -ag, -achd, -id
A’ Ghàidhlig, Alba, An Fhraing, caileag, bàrdachd, caraid.
Mar as trice, ma tha ainmear a’ crìochnachadh le connrag chaol, ‘s ann boireannta a bhios e.
abhainn, beinn, dùthaich, feòil, iuchair, sirist, sùil, toit
Ach ‘s ann fireannta a tha a’ mhòr-chuid de dh’ainmearan a tha a’crìochnachadh leis na lidean -ach, -adh, -an, -as agus cuideachd dreuchdan a’ crìochnachadh le -ir, -iche.
deireadh, aran, solas, clachair, seinneadair, sgrìobhadair.
Mar as trice, ma tha ainmear a’ crìochnachadh le connrag leathann, ‘s ann fireannta a bhios e.
aodann, beul, solas, toll, peann, rathad.
Faic Facal air an Fhacal le Michel Byrne airson barrachd fiosrachaidh.
Bhiodh e feumail taisbeanadh mòr a chur suas air a’ bhalla a’ sealltainn an fhiosrachaidh gu h-àrd. Faodaidh tu aon leth den bhalla a dhèanamh pinc agus an leth eile gorm, no cleachd samhlaidhean mar seo.
Thoir cairtean do na sgoilearan le diofar ainmearan orra agus feumaidh iad an cur suas air a’ bhalla anns a’ cholbh ceart.
Fireannta no boireannta
Cuir an clas ann am buidhnean agus thoir cairt ghorm agus cairt phinc do gach buidheann. Èigh a-mach ainmear agus feumaidh iad a’ chairt phinc a chur suas ma tha iad a’ smaoineachadh gu bheil e boireannta agus a’ chairt ghorm a chur suas ma tha iad a’ smaoineachadh gu bheil e fireannta.
Leudachadh
Feumaidh am buidheann a chuireas a’ chairt cheart suas an toiseach seantans sìmplidh a ràdh a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me
Tha Iain na shuidhe air an t-sèithear.
Dòighean airson cuimhneachadh
Tha e math diofar dhòighean a lorg airson rudan a chuimhneachadh. Seo dòigh airson cuimhneachadh an ann fireannta no boireannta a tha na diofar fhacail.
Cleachd ainmear agus feuch ri sealltainn gu bheil e fireannta no boireannta ann an dealbh.
me bò (boireannta) Dealbh de bhò le fàinneachan-cluaise agus brògan le sàilean àrda oirre.
no
beul (fireannta) Dealbh de bheul mòr le builgean cainnt a’ tighinn às, a’ bruidhinn mu dheidhinn ball-coise
Ma tha a’ chlann a’ cuimhneachadh air an dealbh den Eadailt (boireannta) mar bhròg le sàil àrd, ’s dòcha le baga ri a taobh, bidh cuimhne aca gur ann boireannta a tha i, agus mar sin bhithear an dòchas gum bi iad a’ cuimhneachadh na riaghailt gur ann boireannta a tha na dùthchannan gu lèir.
Bidh beachdan èibhinn aig na sgoilearan airson seo a shealltainn gu h-èifeachdach! Cuir na dealbhan suas air a’ bhalla cuideachd, air an taisbeanadh anns a’ cholbh cheart.