Mìneachadh
Tha na pàtrain a leanas a’ ceangal dà abairt no dà sheantans ri chèile ann am broinn seantans ùr, airson barrachd innse mu rud a thachair (no rud a thachras às dèidh seo).
Tha am pàtran seo air a chleachdadh le na faclan ceangail:
- a chionn gu, airson gu, far an/am, gus an, anns an, ris an, dhan, mus
- nuair nach, o nach, ged nach, fhad ’s nach, nach.
Mar eisimpleir:
- Chan urrainn dhomh a’ bheinn a dhìreadh a chionn gu bheil mi ro sgìth.
- Bha e a’ trod airson nach robh sinn deiseil.
- Seallaidh mi dhuibh far am fàg sibh ur bagannan.
- Sin am fear dhan tug mi an leabhar.
- Feumaidh tu fuireach a-staigh o nach do rinn thu d’ obair air fad.
- Faodaidh sibh a dhol a-mach fhad ‘s nach bi sibh ro fhada.
- Cò agaibh nach bi an seo a-màireach?
Faodar na faclan ceist càit, an/am/a a chleachdadh cuideachd anns a’ phàtran seo:
- Bheil fhios agad cait a bheil do leabhar?
- Chì mi am bheil airgead gu leòr agam nam sporan.
- Chan eil fhios agam an do thill iad fhathast.
Tha an aon phàtran air a chleachdadh leis an fhacal ceangail far an/am:
- Tha iad far an do dh’fhàg thu iad.