Chan urrainn dhomh a’ bheinn a dhìreadh a chionn gu bheil mi ro sgìth. Seallaidh mi dhuibh far am fàg sibh ur bagannan. Sin am fear dhan tu mi an leabhar. Bheil fhios agad càite bheil do leabhraichean. Tha iad far an do dh’fhàg thu iad.
Gnìomhan
Bidh naisgear a’ ceangal seantansan neo abairtean ri chèile.
Iarr air na sgoilearan a chionn gu a chleachdadh airson na seantansan seo a cheangal.
!!! Dèan cinnteach gun cleachd thu: gun robh, gum bi, gu bheil !!!!!
Chaidh Catriona chun an dotair. | Bha i tinn. |
Chaidh Catriona chun an dotair a chionn gun robh i tinn. |
|
|
|
Tha Dadaidh crosta. | Tha an càr briste. |
|
|
Cha bhi mi a’ seinn aig a’ Mhòd | Bidh mi ro nearbhach. |
|
|
Fhuair Niall brògan ùra. | Bha an seann bhrògan aige ro bheag. |
|
|
Cha do dh’ith Iain suiteas. | Bha an dèideadh air. |
|
|
Cha do cheannaich Mòrag an dreasa. | Bha e ro dhaor. |
|
|
Tha mi a’ falbh dhachaigh. | Tha mi sgìth. |
|
Taisbeanadh
Dèan taisbeanadh air a’ bhalla sgrìobhaidh le diofar naisgearan. Faodaidh a’ chlann seo a chleachdadh airson an sgrìobhadh aca a dhèanamh nas inntinniche.
Naisgearan
Bidh naisgear a’ ceangal seantansan neo abairtean ri chèile.
achionngu | airsongu | faran/am | gusan | annsan | risan | dhan | mus | nuairnach | onach | gednach | fhad’snach | nach |
Dè thachair an uair sin? (Còmhradh / sgrìobhadh)
Sgrìobh sìos diofar tòiseachaidhean seantans eadar-dhealaichte air pìosan beaga pàipeir. Feumaidh na sgoilearan pìos a thogail agus crìoch a chur orra, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
m.e.