Ag innse mu rudan a thachair ron a seo

Aithghearrachd

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse mu rudan a thachair ron a seo: Chuir, an do chuir, cha do chuir
  • Chuir mi orm mo chòta. An do fhreagair thu an litir? Dh’ith mi mo bhracaist. Cha do dh’fhòn e thugam Leòn mi mi fhèin. Shrac mi am pàipear.
Chuala, an cuala, cha chuala
  • Chaidh/an deach(aidh)/cha deach(aidh) chunnaic/am faca/chan fhaca chuala/an cuala/cha chuala fhuair/an d’ fhuair/cha d’ fhuair ràinig/an do ràinig/cha do ràinig rinn/an do rinn/cha do rinn rug/an do rug/cha do rug thàinig/an tàinig/cha tàinig thug/an tug/cha tug thuirt/an tuirt/cha tuirt.
Bha, an robh, cha robh
  • Bha i fuar an-dè. An robh sibh sa bhùth? Bha e a’ ruith fad uair a thìde. Cha robh iad ag obair an-dè.
  • Bha mi a’ glanadh bòrd. Bha mi a’ glanadh uinneag.
  • Bha mi a’ glanadh a’ bhùird. Bha mi a’ glanadh na h-uinneig(e).
  • Bha iad gam chluinntinn.
Gam, gad, ga, ga h-, gar, gur, gan/gam. Bhithinn, bhiomaid, bhiodh/bhitheadh.
  • Bhithinn a’ dol an sin tric nuair a bha mi beag.
Tha mi air tilleadh.
  • Tha mi air dealbh a pheantadh.
  • Tha e air mo shàrachadh.
Air d’ fhaicinn, a chur, a cur, a h-òl, ar cur, ur cur, an cur, am bruich. Bha e air tighinn
  • Bha iad air na cèicean ithe air fad nuair a ràinig sinn.
  • Bha mo sheanair air bàsachadh mus do rugadh mise.
 
Print Friendly, PDF & Email