Skip to content

Obair ìre 1

Cuiridh, an cuir, ; cha chuir, a chuireas; òlaidh, an òl, chan òl, a dh’òlas; fàgaidh, am fàg, chan fhàg, a dh’fhàgas; cuiridh sinn am bòrd an seo.; ruith nuair a shèideas mi an fhìdeag

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Dè bhios sibh a’ dèanamh ma chluinneas sibh an rabhadh-teine?
“Seasaidh mi suas, cuiridh mi mo shèithear a-steach, coisichidh mi a-mach gu socair. Seasaidh mi anns an loidhne agam agus cumaidh mi sàmhach.”

Bruidhinn mu dheidhinn na bhios iad gu bhith a’ dèanamh aig an deireadh-sheachdain no anns na saor-làithean.


Gnìomhan

 Am bàlla criostal
Dèan suas liosta de cheistean airson na cloinne mu dheidhinn dè tha a’ dol a thachart tron t-seachdain. Faodaidh tu ceistean a chur ann mun cheannard agad, tidsearan eile, daoine ainmeil msaa. Feumaidh a’ chlann na ceistean a fhreagairt agus aig deireadh na seachdain, thoir sùil air na freagairtean agus chì thu cò bha ceart!
me

An cuir Mr Mackay brògan donn air Diciadain? ______________ (Cuiridh/cha chuir)

An òl Mrs Maciver cupa cofaidh Dimàirt aig àm-cluich? _________ (Òlaidh/ chan òl)

Am fàg duine sam bith bogsa-bìdh anns an t-seòmar-chòtaichean. Dihaoine ____________ (Fàgaidh / chan fhàg)

An cuir Cheryl Cole dreasa dubh oirre oidhche Shathairne air an X-Factor ________
(Cuiridh / cha chuir)

msaa


Cothroman tar-churraicealaim

Ceòl

Tillidh Mi

Tha samhradh bliadhna eile air tighinn
Ach cha thog mo ghrian an-àird
Mo chasan trom ‘s iad ‘g iarraidh dhachaigh
‘S m’ inntinn dol mun cuairt
Tha mi fallain, tha mi òg
Ach lag ‘s mi bàthadh gun do phòg
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh

Tillidh mi dhachaigh, tillidh mi dhachaigh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh

Bho àm gu àm bidh mise a’ coiseachd
Nam ònrachd sìos an t-sràid
Mi smuaineachadh air abhainn fhada
Tha laighe fad’ bhon rathad
’S i gu bhith làn le bric a’ snàmh
‘S tachais dian na mo làimh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh.

Nuair a thuiteas oidhche orm
‘S e àm as miosa a th’ ann
Mise laighe na mo leabaidh
‘S thusa na mo cheann
Cha bhiodh an samhradh cheart cho doirbh
‘S tu nad shìneadh ri mo thaobh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh.

Faclan aig Calum Dòmhnallach (www.runrig.co.uk)


 

Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Anns a’ pholl (Nighidh/glanaidh)
Cluichidh mis’ a-muigh (Cluichidh/falbhaidh)
Ruidhlidh na coilich dhubha (Ruidhlidh/dannsaidh)
Peantaidh mise dealbh dhut (Peantaidh / suidhidh / leughaidh / sgrìobhaidh / seinnidh / cluichidh/falbhaidh)
Crathaidh mi mo làmhan (Crathaidh / breabaidh / buailidh / slaodaidh / dioglaidh)

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024