Bi, bithibh; cuir, cuiribh; bitheamaid/biomaid; cuireamaid; bitheadh, cuireadh
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
Cluinnidh a’ chlann am pàtran seo nuair a bhruidhneas tu riutha mar chlas.
“Bithibh sàmhach.”
“Cuiribh dhibh ur còtaichean.”
Gnìomh
Òrdugh/Sequencing
Gnìomhan – A’ dèanamh cheapairean
A’ glanadh d’ fhiaclan
A’ cur sìol fhlùraichean/lusan
A’ dèanamh ad bana-bhuidsich
A’ dèanamh aran
A’ dèanamh geama bùird
A’ dèanamh dealbh le pasta
No rud sam bith a tha sibh a’ dèanamh airson saidheans no teicneòlas.
Dèan aon de na gnìomhan còmhla ris a’ chloinn.
Feumaidh na sgoilearan sreath dhealbhan a dhèanamh, a’ sealltainn nan ceumannan a tha agad ri ghabhail airson na gnìomhan seo a choileanadh. An uair sin, feumaidh iad na ceumannan innse dhan a’ chlas, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
Òrain agus Rannan (Dè thuirt thu?)
Cuibhlichean a’ bhus
(agus faic gu h-ìosal airson a’ chòrr)