Bi, bithibh; cuir, cuiribh; bitheamaid/biomaid; cuireamaid; bitheadh, cuireadh
Gnìomh
Òrdugh/Sequencing
Gnìomhan – A’ dèanamh cheapairean
A’ glanadh d’ fhiaclan
A’ cur sìol fhlùraichean/lusan
A’ dèanamh ad bana-bhuidsich
A’ dèanamh aran
A’ dèanamh geama bùird
A’ dèanamh dealbh le pasta
No rud sam bith a tha sibh a’ dèanamh airson saidheans no teicneòlas.
Dèan aon de na gnìomhan còmhla ris a’ chloinn.
Sgrìobh a-mach liosta de dh’òrdughan airson na gnìomhan a choileanadh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
Postairean
Faodaidh a’ chlann postairean/sanasan a dhèanamh airson a’ chlas.
me
Èistibh ris an tidsear! Bithibh modhail anns a’ chlas!
Bithibh sàmhach nuair a tha an tidsear a’ bruidhinn!
Geasag dhraoidheil
Feumaidh a’ chlann geasag a dhèanamh suas gus cumhachd shònraichte fhaighinn, ’s dòcha comas sgèith, comas tìm a stad, neo-fhaicsinneachd msaa.
Feumaidh na sgoilearan liosta òrdughan a dhèanamh, sgrìobhte mar reasapaidh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
Cothroman tar-churraicealaim
Ceòl
Suas leis a’ Ghàidhlig
Togaibh i, togaibh i, cànan ar dùthcha,
Togaibh a suas i gu h-inbhe ro-chliùitich.
Togaibh gu daingeann i ’s bithibh rithe bàigheil,
Hi ho-ro, togaibh i; suas leis a’ Ghàidhlig!
’S i cànan na h-òige, ’s i cànan na h-aois
B’ i cànan ar sinnsir, b’ i cànan an gaoil;
Ged tha i nis aost, tha i reachdmhor is treun,
Cha do chaill i a’ clì, ’s cha do shrìochd i fo bheum.
Tha mòr-shruth na Beurla a’ bagradh gu cruaidh
Ar cànan ’s ar dùthchas a shlugadh a suas;
Ach seasaibh gu dileas ri cànan ur gaoil,
’S chan fhaigh i am bàs gu ruig deireadh an t-saoghail.
A chlanna nan Gaidheal! bithibh seasmhach is dlùth
Ri guaillibh a chèile, a’ cosnadh gach cliù;
O seasaibh gu gaisgeil ri cànan ur gràidh,
’S na trèigibh a’ Ghàidhlig a-nis no gu bràth.
Seallaibh Curaigh Eòghainn
Seallaibh curaigh Eòghainn
Còig ràimh fhichead oirre
Seallaibh curaigh Eòghainn
Seachad air a’ Rubha Bhàn
Bidh Eòghainn, bidh Eòghainn
Bidh Eòghainn na sgiobair oirr’
Bidh Eòghainn, bidh Eòghainn
’Dol seachad air a’ Rubha Bhàn
Seasaidh i ri fairge
Cargo is ballaist orra
Seasaidh i ri fairge
Seachad air a’ Rubha Bhàn
Eachdraidh – Daoine ainmeil
Coimhead air obair a rinn Heath Robinson. ’S e dealbhadair a bha ann, ainmeil airson dealbhan a dhèanamh air innealan ioma-fhillte airson ghnìomhan sìmplidh. No faodaidh iad coimhead air pìosan bho Wallace agus Gromit airson beachdan fhaighinn bho na h-innealan aca.
Iarr air na sgoilearan dealbhan a dhèanamh mar seo agus òraid bheag a thoirt dhan a’ chlas air ciamar a thèid obrachadh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.