Skip to content

Obair ìre 1

Rinn/an do rinn/gun do rinn/cha do rinn; chunnaic/am faca/gum faca/chan fhaca; chuala/an cuala/gun cuala/cha chuala; thuirt/an tuirt/gun tuirt/cha tuirt

Gnìomhan

Cloze le òrain
Faodaidh iad seo a dhèanamh mar chlas no ann am buidhnean. Thoir dhaibh teacs den òran le cuid de na faclan air am fàgail a-mach. Feumaidh iad smaoineachadh dè am facal a bhiodh freagarrach. Èist ri na h-òrain agus ceartaich iad.
me
(Chaidh mise dhan bhùth an-dè)

_______ mise dhan bhùth an-dè
_______mi biadh gu leòr.
Dè __________ thusa?
Dè __________ thusa?
Dè __________ thusa an-dè.
msaa
Cha leig iad a leas na facail cheart a sgrìobhadh fhad ’s a tha iad a’ dèanamh ciall.

 

Leudachadh
Faodaidh iad an rann aca fhèin a sgrìobhadh a’ leantainn air pàtran nan òran agus a’ cumail ri pàtran na seachdain.

 

Sgàileagan fhacail
Dèan suas sgàileagan fhacail mar a tha ann airson matamataig le na diofar fhacail orra. Chunnaic, chan fhaca, chaidh, cha deach, fhuair, cha d’ fhuair, msaa a rèir nam mearachdan cumanta a tha thu a’ cluinntinn sa chlas.
Faighnich ceistean dhaibh.
me
“An d’ fhuair thu sgrìobhadair na seachdain an teirm seo?”
“Am faca tu X-factor aig an deireadh sheachdain?”
“An deach thu chun na Fèis anns na saor-làithean?”

Feumaidh iad am freagairt ceart a thaghadh agus a chur suas gus am faic an tidsear e.

Cuidichidh seo a’ chlann gun a bhith cleachdadh “tha” agus “chan eil” airson a h-uile ceist!

 

Chaidh mise dhan dhan t-sutha
A h-uile duine nan suidhe ann an cearcall.

Sgoilear 1: “Chaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi…”

A h-uile duine: “Am faca?”

Sgoilear 1: “Chunnaic/chan fhaca”

Mar as èibhinne a tha e ’s ann as fheàrr a tha e!

A’ dol timcheall agus bidh a’ chlann a’ cuimhneachadh na chaidh a ràdh roimhe agus a’ dèanamh liosta.

Sgoilear 1: “Chaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi muncaidh molach”

Sgoilear 2: “Chaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi muncaidh molach agus ailbhean àlainn.
msaa

 

Leudachadh
“Bha partaidh mòr agam agus thàinig…”
“Chaidh mi a dh’fhaicinn a’ bhanrigh agus thug mi … dhi”
“Fhuair mi bogsa tron phost agus chuala mi…a’ tighinn às.”


Cothroman tar-churraicealaim

Ceòl

A’ chlann ag èisteachd ri pìosan ciùil agus a’ bruidhinn mu dheidhinn nan ionnsramaidean a tha iad a’ cluinntinn.
“Chuala mise fidheall”

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024