Tha; A bheil; Chan eil
Gnìomhan
Seantansan
Sgrìobh còig seantansan a’ tòiseachadh le:
Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil
Agus còig a’ tòiseachadh le:
Tha mi a’ smaoineachadh nach eil
Faodaidh iad a bhith èibhinn; dh’fhaodadh tu eacarsaich bàrdachd a dhèanamh dheth.
Lìon na beàrnan
Cuir ri chèile cloze sìmplidh, me:
___ mo charaid a’ fuireach an-ath-dhoras dhomh. __ _____ caraid agadsa a ___ a’ fuireach an-ath-dhoras dhut?
Tha mi a’ smaoineachadh __ _____ an t-sìde a’ fàs nas fheàrr a-nis.
Cothroman tar-churraicealaim
Artaigil naidheachd
Bruidhinn mun stoidhle a tha luchd-naidheachd a’ cleachdadh. Bidh iad ag innse dè thuirt daoine eile mu na naidheachdan gus na naidheachdan a dhèanamh nas inntinniche agus airson leigeil fhaicinn dhuinn dè tha daoine cudromach agus daoine àbhaisteach a’ smaoineachadh mun naidheachd (’s dòcha daoine a tha an sàs anns an naidheachd) agus ciamar a tha iad a’ faireachdainn mu deidhinn. Coimhead airson eisimpleirean ann an artaigilean Gàidhlig no Beurla.
Uaireannan bidh iad a’ cur an rud a thuirt an duine eadar comharran-cainnt:
‘Chan eil mi ga chreidsinn,’ thuirt Mgr Camshron. ‘Millean not!’
Uaireannan eile, bidh iad ag innse dè thuirt an duine. Airson sin a dhèanamh, feumaidh iad naisgear a chleachdadh – sin facal a tha a’ ceangal dà phàirt de sheantans. Glè thric sa Ghàidhlig, ’s e gu bheil no nach eil a tha iad a’ cleachdadh:
‘Thuirt am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, gu bheil e uabhasach moiteil às an luchd-spòrs.’
Bruidhinn mu na h-adhbharan a th’ aig an luchd-naidheachd airson na diofar dhòighean a chleachdadh.
An uair sin, mar ghnìomh Sgrìobhadh Com-pàirtichte no fa leth, sgrìobh artaigil(ean) air cuspair mar sgudal air na sràidean, no naidheachd mun sgoil. Inns dè tha daoine a’ smaoineachadh, a’ cleachdadh gach cuid comharran-cainnt agus aithris air labhairt, me:
Thuirt an Comhairliche gu bheil e a’ smaoineachadh gu bheil e uabhasach cudromach gun tog daoine an sgudal aca. ‘Chan eil sinn ag iarraidh gum bi am baile salach nuair a thig luchd-turais agus luchd-tadhail eile an seo,’ thuirt e.
Aithris naidheachd
Mar gu h-àrd ach mar dhràma seach obair sgrìobhte.