Còmhla ri, coltach ri; faisg air, seachad air; tarsainn air, a bharrachd air; mun cuairt air
Cothroman tar-churraicealaim
Cruinn-eòlas
Mapaichean (a’ toirt a-steach cànan bho phìosan eile den aonad seo)
Feumaidh tu mapaichean, cairtean tòiseachaidh agus cairtean crìochnachaidh.
Thoir mapa sìmplidh do gach sgoilear. Feumaidh aon sgoilear cairt tòiseachaidh agus cairt crìochnachaidh a thaghadh. Bidh e ag iarraidh cuideachadh a’ faighinn bho aon àite chun an àite eile.
me Theirig sìos an rathad, seachad air bùth nam flùraichean, tionndaidh gu do làimh dheis, faisg air an eaglais, theirig sìos an rathad, seachad air a’ phàirc, tionndaidh gu do làimh chlì agus bidh am banca air do bheulaibh.
Leudachadh
Cleachd mapaichean nas doirbhe bho Google maps, bhon sgìre aca fhèin no bailtean mòra ainmeil.
Ceartaich na mearachdan
Mearachdan cumanta – còmhla ri mi, faisg air thu, agus msaa
Feumaidh a’ chlann na mearachdan a cheartachadh.
Thàinig Iain dhan taigh-dhealbh còmhla ri mi.
Sheall sinn mun cuairt sinn.
Tha e cho coltach ri thu anns an dealbh seo.
Cha robh duine faisg air i.
Tha mi duilich, choisich mi seachad air thu.
msaa