Skip to content

Obair ìre 1

Tha càr ùr aig Calum; tha còta ùr agam; ‘s ann le Màiri a tha am baga sin; an ann leatsa a tha e?; tha a’ bhonaid sin le Uilleam; leam(sa), leat(sa), leis(-san), leatha(se), leinn(e), leibh(se), leotha(san)

Gnìomhan

60 diog
Mar bhuidheann, feumaidh na sgoilearan nas urrainn dhaibh a sgrìobhadh sìos air cuspair sònraichte ann am mionaid.
me

Ainmich rudan a bhiodh aig Harry Potter aig Hogwarts.

Ainmich rudan a bhiodh anns a’ phoca aig Bodach na Nollaig.

msaa

Feumaidh iad na freagairtean aca a leughadh a-mach ann an seantansan.

Anns a’ phoca
Mar chlas no ann am buidhnean, cuiridh a h-uile duine rudeigin ann am poca. Chan inns iad do dhuine dè chuir iad ann. Feumaidh aon sgoilear aon rud a thogail a-mach às a’ phoca agus tomhas cò leis a tha e.

“An ann le Iain a tha e?”
“An ann leatsa a tha am peansail, a Chaluim?”
’S ann” no “Chan ann

Ma tha e ceàrr, faighnich do chuideigin eile.
Ma tha e ceart, canaidh an clas air fad. “’S ann le Iain a tha am peann!”

Leanaidh an geama air adhart mar seo gus am bi am poca falamh.

Duilleagan-obrach
(DTT2, Bùrach ann an rùm nan còtaichean)
(DTT2, Lean na loidhnichean)
Geamaichean goirid, 12. Geamanan gun fhios dhut.

 

 

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024