Skip to content

Obair ìre T

Seo, sin, siud; seo, sin, ud.

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Clann a’ toirt a-steach dhealbhan bhon taigh agus a’ bruidhinn mun deidhinn.
“Seo mo mhamaidh, seo mo dhadaidh, sin Dìleas…”

A’ bruidhinn mu dheidhinn nan dealbhan a tha iad air a dhèanamh.
“Seo…”

A’ leughadh leabhraichean agus a’ coimhead air na dealbhan.
“Dè tha sin?”
“Sin uilebheist.”


Gniòmh

Àm cearcaill
A h-uile duine nan suidhe ann an cearcall. Feumaidh iad innse cò tha rin taobh agus aon rud air a bheil iad math.
me

“Seo Anna agus tha i uabhasach math air dealbhan a pheantadh.”

“Seo Iain agus bidh e gam cuideachadh anns an raon-chluiche.”

 

Squiggle
Dèan cruth air choreigin air a’ bhòrd gheal agus seall dhan chloinn mar a dh’atharraicheas tu an cruth gu rudeigin eile le bhith a’ cur barrachd ris.

Dèan an aon chruth air an dà thaobh den bhòrd gheal agus tagh 2 sgoilear airson barrachd a chur ris gus dealbh de rudeigin a dhèanamh. Feumaidh a’ chlann eile tomhais dè na tha ann agus aig an deireadh bidh na sgoilearan ag innse beagan mu dheidhinn, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me

`Graphic: Squiggle image“Seo Teàrlach. ’S e teadaidh a th’ ann, ach ’s e teadaidh sònraichte a th’ ann. Bidh e a’ seinn òrain o mhoch gu dubh.”

 

 

 

 

 

 

Seo mo charaid (DTT1)


Òrain agus Rannan (Dè thuirt thu?)

Spòrs le do chorragan (Seo)
Cluinn an tàirneanach (Seo)
A’ bhana-bhuidseach (Seo)
Bus na sgoile (seo)
Chuala mi a’ chuthag (seo mar)
Seo mar a bhios sinn a’ cluich
Seo an tè a leag an t-sabhal

 

Anns a’ choille ud thall

Anns a’ choille ud thall, bha craobh a’ fàs,
làidir, dìreach, còmhnard, àrd,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is air a’ chraoibh ud thall bha meur,
a’ mheur as bòidhche chunna tu riamh,
bha mheur air a’ chraoibh, bha craobh anns a’ choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is air a’ mheur, bha nead bheag bhrèagha,
an nead as bòidhche chunna tu riamh,
bha nead air a’ mheur, bha mheur air a’ chraoibh, bha craobh anns a’ choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is anns an nead, bha ugh beag brèagha,
an t-ugh as bòidhche chunna tu riamh,
bha an t-ugh anns an nead, bha nead air a’ mheur,
bha mheur air a’ chraoibh, bha craobh anns a’ choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is anns an ugh, bha eun beag brèagha,
an t-eun as bòidhche chunna tu riamh,
bha an t-eun anns an ugh, bha an t-ugh anns an nead,
bha nead air a’ mheur, bha mheur air a’ chraoibh,
bha craobh anns a’ choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is air an eun, bha sgiath bheag bhrèagha,
an sgiath as bòidhche chunna tu riamh,
bha an sgiath air an eun, bha an t-eun anns an ugh,
bha an t-ugh anns an nead, bha nead air a’ mheur,
bha mheur air a’ chraoibh, bha craobh anns a’ choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is air an sgiath, bha ite bheag bhrèagha,
an t-ite as bòidhche chunna tu riamh,
bha an t-ite air an sgiath, bha an sgiath air an eun,
bha an t-eun anns an ugh, bha an t-ugh anns an nead,
bha nead air a’ mheur, bha mheur air a’ chraoibh,
bha craobh anns a’ choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

le Mairead Hulse. Fonn: ‘All in a wood there grew a tree’

 

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024