‘S e, an e, chan e, an e; ‘s e Màiri a tha ann, chan e Anna; ‘s e Iain a rinn sin; ‘s ann, an ann, chan ann; ‘s ann an seo a thachair e
Cluedo (Fuasgladh cheistean)
Faodaidh na sgoilearan seo a dhèanamh ann am buidhnean. Dèan suas cairtean mar a leanas, geàrr a-mach iad agus thoir seata do gach buidheann. Feumaidh iad na ceistean fhuasgladh a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
Chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a lorg le nàbaidh, Flòraidh, anns an t-seòmar-cadail aige aig 0900. Chaidh a mhurt. |
Dh’fhàg Mgr Mac an t-Sagairt |
Cho luath ‘s s a lorg Flòraidh e, chuir i fòn chun an dotair. Thàinig e aig 10.15. |
Cuin a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt? |
Lorg am poileas an t-uaireadair òir aig Mgr Mac an t-Sagairt ann an taigh Flòraidh. |
Càit an robh an ceathrar dhaoine aig 22.45 an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt? |
Chaidh Mgr Mac an t-Sagairt fhaicinn a’ fàgail cèilidh ann an Talla a’ Bhaile aig 22.50 còmhla ri Flòraidh. |
Thuirt an dotair gun robh e air a bhith marbh airson 11 uairean. |
Tha Talla a’ Bhaile an-ath-dhoras ris an Taigh Gheal. |
Chaidh Connor a dh’fhaicinn ball-coise còmhla ri caraid an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt. Thòisich am ball-coise aig 20.35, chluich iad airson 90 mionaid agus stad iad letheach slighe airson 15 mionaidean. |
Cuin a chriochnaich am ball-coise? |
Dh’fhàg Connor am ball-coise nuair a chrìochnaich e agus chaidh e dhachaigh anns a’ chàr. Tha e a’ toirt 1 uair 15 mionaidean airson faighinn dhachaigh. |
Thachair Flòraidh ri caraid taobh a-muigh an Talla. Bhruidhinn i rithe airson leth uair a thìde agus an uair sin chaidh i dhachaigh. |
Choinnich Màiri ri caraid aig an taigh-chluiche aig 21.00. Mhair an dealbh-chluiche1 uair 30 mionaid agus dhràibh i dhachaigh. |
Bha Màiri, Connor agus Mgr Mac an t-Sagairt uile a’ fuireach còmhla anns an Taigh Gheal. |
Tha an taigh-cluiche leth uair a thìde air falbh bhon Taigh Gheal ann an càr. |
Cò mharbh Mgr Mac an t-Sagairt? Saoil carson? |
Na freagairtean
Cuin a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt? 23.15
Càit an robh an ceathrar dhaoine aig 22.45 an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt?
Mgr Mac an t-Sagairt – fhathast aig a’ chèilidh.
Flòraidh – fhathast aig a’ chèilidh cuideachd.
Màiri – a’ dràibheadh dhachaigh bhon taigh-dhealbh.
Connor – a’ dràibheadh dhachaigh bhon bhall-coise.
Cuin a chrìochnaich am ball-coise? 22.20
Cò mharbh Mgr Mac an t-Sagairt? Saoil carson? A phiuthar Màiri. ‘S dòcha airson an airgid, ‘s dòcha gun robh e gu math mì-sgiobalta!