Tha mi smaoineachadh gur e Iain a rinn e. Tha mi smaoineachadh nach e Iain a rinn e. Tha e a’ ràdh gur ann air a’ bhus a thàinig e.
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
“Cò leis tha seo?”
“Tha mi a’ smaoineachadh gur ann le Anna a tha sin.”
Iarr air a’ chloinn ceist fhaighneachd do thidsear eile no do rùnaire na sgoile. Nuair a thilleas iad faighnich dhaibh ceistean mu dheidhinn na thuirt iad.
Gnìomh
Madainn mhath, a Rìgh
A h-uile duine nan suidhe ann an cearcall ach aonan a shuidheas air sèithear sa mheadhan le bann air a shùilean.
Bidh cuideigin às a’ chearcall a’ dol suas agus a’ seasamh air beulaibh an duine seo agus ag ràdh ann an guth annasach:
“Madainn mhath, a Rìgh.” (Mas e balach a tha anns a’ mheadhan)
no
“Madainn mhath, a Bhànrigh.” (Mas e nighean a tha anns a’ mheadhan)
Bidh an rìgh/bànrigh an uair sin a’ tomhais cò tha ann.
m.e.
Rìgh/bànrigh: “Tha mi a’ smaoineachadh gur e ………….. a th’ ann?”
Càch: “‘S e …..……….. a th’ ann.”
no “Chan e ………….. a th’ ann.”
Mura bheil fios aig an rìgh/bhànrigh cò tha ann tha a’ chlann ag innse. Gheibh an rìgh/bànrigh trì tursan le daoine eadar-dhealaichte agus an uair sin thèid rìgh/bànrigh eile dhan mheadhan.
Anns a’ phoca
Mar chlas no ann am buidhnean, cuiridh a h-uile duine rudeigin ann am poca. Chan innis iad do dhuine dè chuir iad ann. Feumaidh aon sgoilear aon rud a thogail a-mach às a’ phoca agus tomhais cò leis a tha e.
“Tha mi a’ smaoineachadh gur ann le Iain a tha e”
“An ann leatsa a tha am peansail, a Chaluim?”
“‘S ann” no “Chan ann“
Ma tha e ceàrr, faighnich do chuideigin eile. Ma tha e ceart, canaidh an clas air fad, “‘S ann le Iain a tha am peann!”
Leanaidh an geama air adhart mar seo gus am bi am poca falamh.
Dè tha na caractaran a’ smaoineachadh?
Cuir plastaig air builgeanan cainnt agus smaoineachaidh, (meud A4).
Nuair a tha sibh a’ leughadh sgeulachd, stad aig pìosan sònraichte agus feumaidh na sgoilearan, ann am buidhnean beaga, sgrìobhadh sìos na tha na caractaran a’ smaoineachadh neo dè tha iad ag ràdh.
Feumaidh iad an uairsin innse dhan a’ chlas na sgrìobh iad, ag ràdh;
“Tha an rìgh a’ ràdh gur ann leis an teaghlach aige a bha an iuchair .”
“Tha Iain a’ smaoineachadh nach b’ e esan a rinn e.”
Cò am fear an conadal?
Cuir liosta de fhacail suas air a’ bhòrd gheal agus faighnich do na sgoilearan:
“Cò am fear an conadal?”
Feumaidh na sgoilearan adhbhar a thoirt seachad air ciamar a thagh iad am fear sin. ‘S dòcha gum bi aon fhreagairt fhollaiseach ann ach dh’fhaodadh fear eile a bhith ceart cuideachd cho fad ‘s a tha iad a’ mìneachadh carson.
m.e.
curran
càl
uinnean
plumais
snèap
“Tha mi a’ smaoineachadh gur e ‘plumais’ an conadal.”
(‘S e ‘plumais’ am freagairt follaiseach air sgàth gur e meas a tha ann agus ‘s e glasraich a tha anns na feadhainn eile ach tha freagairtean eile ann cuideachd: me, ‘uinnean’ oir tha e a’ tòiseachadh le fuaimreag m.s.a.a)
Cothroman tar-curraicealam
Litreachadh
Geama Kim
Ag obair ann am buidhnean beaga, iarr air a’ chloinn na facail litreachaidh aca a sgrìobhadh air pìosan beaga pàipeir.
Cuir iad air a’ bhòrd agus feumaidh iad sùil geur a thoirt orra. An uair sin, feumaidh iad na sùilean aca a dhùnadh agus bheir aon sgoilear aon de na facail air falbh. Fosglaidh iad na sùilean aca agus feuchaidh iad ri tomhais dè na facail a chaidh a thoirt air falbh.
“Tha mi a’ smaoineachadh gur e ………………. a th’ ann.”
no
“Tha mi a’ smaoineachadh gur e ………………. am facal a chaidh a thogail.”
no
“Tha mi a’ smaoineachadh gur e ……………… am facal a thog thu.” (A-rèir dè pàtran air a bheil thu ag iarraidh obair.)
Ma tha iad ceart, feumaidh iad a litreachadh mus tèid e a chur sìos a-rithist.