Skip to content

Obair ìre T

Aon pheansail, dà chaileag bheag; aonan/a h-aon, a dhà, a trì,
a ceithir …; ceithir busaichean, sgillinn.; trì deug notaichean, fichead agus a trì notaichean.; ceathrad mionaid, ceathrad agus a còig mionaidean; dithis, trìuir, ceathrar …; a’ chiad, an dara/dàrna, an treas, an ceathramh …

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Nuair a tha thu a’ cunntadh nan sgoilearan, cluinnidh iad “Aonan, dithis, triùir…”

“Tha aon bhalach deiseil, tha dà bhalach deiseil, tha trì balaich deiseil…”

Aig àm clàraidh, faighnich dha na sgoilearan,
“A bheil a h-uile duine an-seo an-diugh? Cunnt na balaich.”
“Aon bhalach, dà bhalach, trì balaich…”

 


Òrain agus Rannan (Dè thuirt thu?)

Aon chorrag bheag
Òran a’ fòn
Còig uighean ann am basgaid
Còig luchainn bheaga gheala
Luch-fheòir
Còignear fhear a’ togail taigh
Chaidh mise dhan bhaile
Chaidh còig tunnagan beag a shnàmh

 

Deich balaich bheaga dhona

Deich balaich bheaga dhona
Nan suidhe muigh air beinge –
Thug an starrag leatha Seoc
’S cha robh ann ach naoi.

Naoi balaich bheaga dhona
Nan suidhe muigh air tobhta –
Thuit Fionn tro tholl nan cearc
’S cha robh ann ach ochd.

Ochd balaich bheaga dhona
Ag iasgach le slait –
Ghoid na giomaich Fearchar
’S cha robh ann ach seachd.

Seachd balaich bheaga dhona
Nan suidhe ’g ithe ’m biadh –
Thachd buntàta Coinneach crost’
’S cha robh ann ach sia.

Sia balaich bheaga dhona
A’ cur a-steach an fheòir –
Thuit a’ chruach air Ùisdean beag
’S cha robh ann ach còig.

Còig balaich bheaga dhona
A’ seòladh ann an eathar
Shluig muc-mhara Donnchadh
’S cha robh ann ach ceithir.

Ceithir balaich bheaga dhona
Nan cadal leis an sgìths –
Thuit Raghnall tron an leabaidh
’S cha robh ann ach trì.

Trì balaich bheaga dhona
Ag ithe mìr is càis –
“Mar sin leibh,” thuirt Alasdair
’S cha robh ann ach dhà.

Dà bhalach bheag dhona
A’ toirt a-steach a’ bhùirn –
Thuit Eachann dhan an tobar
’S cha robh ann ach aon.

Aon bhalach beag dona
Na sheasamh ’s car na cheann –
Chaidh esan a dh’Ameireaga
’S cha robh an còrr ann.

Faodar seo a chluich mar gheam, le deichnear chloinne, agus iad a’ falbh fear mu seach.

 

Air a’ chiad là den Nollaig

Air a’ chiad là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Smeòrach le ceilearadh binn.

Air an darna là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air an treas là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air a’ cheathramh là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air a’chòigeamh là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Còig cailleachan-oidhch’, ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air an t-siathamh là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Sia seòid, còig cailleachan-oidhch’, ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air an t-seachdamh là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Seachd mnathan uasal, sia seòid, còig cailleachan-oidhch’, ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air an ochdamh là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Ochd òigearan uallach, seachd mnathan uasal, sia seòid, còig cailleachan-oidhch’, ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air an naoidheamh là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Naoi neamhnain luachmhor, ochd òigearan uallach, seachd mnathan uasal, sia seòid, còig cailleachan-oidhch’, ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air an deicheamh là den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Deich deochan sùghmhor, naoi neamhnain luachmhor, ochd òigearan uallach, seachd mnathan uasal, sia seòid, còig cailleachan-oidhch’, ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air an aona là deug den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Aon deug a’seinn ciùil dhomh, deich deochan sùghmhor, naoi neamhnain luachmhor, ochd òigearan uallach, seachd mnathan uasal, sia seòid, còig cailleachan-oidhch’, ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Air an dàrna là deug den Nollaig, chuir m’ eudail thugam fhìn,
Cairt làn de phògan agus dusan ròsan, aon deug a’ seinn ciùil dhomh, deich deochan sùghmhor, naoi neamhnain luachmhor, ochd òigearan uallach, seachd mnathan uasal, sia seòid, còig cailleachan-oidhch’, ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach le ceilearadh binn.

Gnìomh

Aon chù, dà chù, trì coin

Cluich an geama duck, duck, goose ach le bhith a’ cunntadh rudan gus an tagh iad duine.

me
aon chù, dà chù, trì coin, WOOF!
Aon chàr, dà chàr, trì càraichean, VROOM!

 

Cia mheud duine?

Cleachd dealbhan bho leabhraichean, no dèan suas Powerpoint le dealbhan de fhilmichean/prògraman air a bheil iad dèidheil agus faighnich dhan a’ chloinn cia mheud duine a tha ann?
me

++++++++++++PICS IN HERE+++++++++++++

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024