Skip to content

Obair ìre 1

Aon pheansail, dà chaileag bheag; aonan/a h-aon, a dhà, a trì,
a ceithir …; ceithir busaichean, sgillinn.; trì deug notaichean, fichead agus a trì notaichean.; ceathrad mionaid, ceathrad agus a còig mionaidean; dithis, trìuir, ceathrar …; a’ chiad, an dara/dàrna, an treas, an ceathramh …

Òrain agus Rannan (Dè thuirt thu?)

Gnìomh

Aon chù, dà chù, trì coin

Cluich an geama duck, duck, goose ach le bhith a’ cunntadh rudan gus an tagh iad duine.
me
aon chù, dà chù, trì coin, WOOF!
Aon chàr, dà chàr, trì càraichean, VROOM!

 

Cia mheud duine?

Cleachd dealbhan bho leabhraichean, no dèan suas Powerpoint le dealbhan de fhilmichean/prògraman air a bheil iad dèidheil agus faighnich dhan a’ chloinn cia mheud duine a tha ann?
me

Graphic: How many?

 

 Image: The Simpsons

“Cia mheud boireannach?”
“Cia mheud fireannach?”
“Cia mheud balach?”
“Cia mheud nighean?”
“Cia mheud uile-gu-lèir?”
“Cia mheud a tha ann le falt buidhe?”
“Cia mheud a tha ann le briogais orra?” msaa

 

Cairtean ceangailte
Dèan suas cairtean mar a leanas, a rèir ’s dè an ìre aig a bheil na sgoilearan, gu leòr airson aon an urra.  (Faodaidh tu + no – a chleachdadh cuideachd.)

Geàrr a-mach na cairtean, measgaich iad agus thoir aon do gach sgoilear. Leughaidh a’ chiad sgoilear a-mach na tha air a’ chairt aige agus feumaidh a h-uile duine obrachadh a-mach. Ma tha am freagairt air a’ chairt aca, feumaidh iad a leughadh a-mach.

Cairtean-ceangailte

 

Cupa na Cruinne
Leugh a-mach sgòran ball-coise, agus feumaidh a’ chlann èisteachd gu faiceallach. Gheibh sgioba 3 puingean ma tha iad a’ buannachadh, 1 ma tha iad co-ionann agus 0 ma tha iad a’ call.

Alba 4 v Brasil 2
An Fhraing 3 v An Eadailt 1
Sasainn 2 v Chile 0
A’ Ghrèig 3 v Sasainn 2
An Eadailt 2 v Alba 0
Brasil 3 v An Fhraing 2
Chile 3 v A’ Ghrèig 3
Alba 0 v Brasil 1
An Eadailt 2 v Chile 2
An Fhraing 1 v Sasainn 4

 

  puingean
Alba  
An Eadailt  
Chile  
Brasil  
An Fhraing  
Sasainn  
A’ Ghrèig  

Nuair a tha iad air na clàran a lìonadh, bruidhinn mu dheidhinn, cò tha anns a’ chiad àite, an darna àite msaa.

 

Faic leabhraichean Heinemann cuideachd airson barrachd ghnìomhan

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024