Skip to content

Obair ìre 1

Bidh, bithidh, am bi, ; cha bhi, a bhios, ; bidh mi an seo a-màireach; cuin a bhios tu deiseil?

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

A’ chlann a’ dèanamh sgeulachdan èibhinn agus a’ faighneachd am bi rud a’ tachairt: Bidh/Cha bhi.
Cleachd dèideagan no pupaidean.

“Am bi cangarù a’ seinn aig a’ chonsairt againn Dihaoine?
msaa

Bruidhinn mu rudan a bhios a’ chlann a’ dèanamh às dèidh na sgoile no aig an deireadh-sheachdain.

“Bidh dràma againn an-diugh ach cha bhi cleasachd againn.”
“Bidh cleasachd againn a-màireach.”


Gnìomhan

Cò ris a bhios an saoghal coltach?
Feumaidh a’ chlann smaoineachadh air cò ris a bhios an saoghal coltach ann an ceud bliadhna.

me

“Cha bhi càraichean ann ach rocaidean beaga.”
“Cha bhi sgoiltean ann ach bidh hologram de thidsear a’ nochdadh san taigh agad.”

Faodaidh sibh seo a dhèanamh mar chòmhradh no mar sgrìobhadh.

 


Cothroman tar-churraicealaim

Obair na seachdain – clàr-ama ann an dealbhan

Tha e feumail seo a bhith suas air a’ bhalla co-dhiù.

Graphic:What will I have today?

Cuir suas na dealbhan gach latha gus gum bi fios aig na sgoilearan dè tha tachairt tron latha. Faodaidh sibh beagan còmhraidh a dhèanamh air seo gach latha.
me

“Am bi ceòl ann an-diugh?”
“Bidh ceòl ann an-diugh ach cha bhi dràma ann an-diugh.”
“Cò bhios a’ tighinn an-diugh?”
“Cuin a bhios leughadh ann an-diugh?”
“Bidh leughadh ann an dèidh àm-cluiche.”
“Am bi sinn a’ tighinn dhan sgoil Disathairne?”

 


Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Mamaidh aig a’ chucair (bidh)
Ho, ho, ho, ho (bidh)
Gnog, gnog aig an doras (bidh)
Cluichidh mis’ a-muigh (bidh)
Tha sinn a’ dol dhan t-sutha an-dràsta (bidh)
Màiri Ruadh a’ dannsa
Cluinn an tàirneanach (bidh)
Èisg bhig (bidh)

 

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024