Chuir/an do chuir/gun do chuir/ cha do chuir. Dh’òl. Dh’fhàs Cha do leag/nochd/ruith. Cha do sguir.
Gnìomhan
Teadaidh bochd
Seall teadaidh dhaibh. Innis dhaibh nach eil e a’ tuigsinn Beurla idir. Tha e brònach agus tha bann air. Chan eil e ag iarraidh bruidhinn mu dheidhinn na thachair dha ach tha e ag iarraidh gum bi fhios aig a’ chloinn gus nach tachair an aon rud dhaibhsan? Freagraidh e ceistean na cloinne.
m.e.
- An do thuit thu?
- An do bhreab cuideigin thu?
- An do ghoirtich thu dad eile?
- An do bhris thu rudeigin? M.s.a.a
Ma tha na sgoilearan a’ dèanamh mearachdan le na ceistean, cuiridh an tidsear a’ cheist ceart air teadaidh agus innsidh e/i dhaibh am freagairt.
Bhitheadh seo freagarrach airson sàbhailteachd a theagasg m.e. sàbhailteachd anns an raon-cluiche: na tilg clachan, na cluich le balla faisg air rathad.
Leudachadh
Faodaidh a’ chlann cothrom fhaighinn a’ bruidhinn ri teadaidh le na sgeulachdan aca fhèin.
Dè chuir mi orm an-diugh?
Tog dealbhan den chloinn agus cuir plastaig orra (Laminate). Cuir suas air balla iad le na facail ‘Chuir mi orm ____________an-diugh’
Cuiridh iad pìos aodaich air na dealbhan (a’ cleachdadh pinn airson bòrd-geal neo pìosan air a ghearradh a-mach).
Feumaidh iad a ràdh ‘Chuir mi stoc orm an-diugh’
‘Chuir mi ad orm an-diugh’
‘Cha do chuir mi geansaidh orm an-diugh’
Leudachadh
Còmhla ri caraid, le na dealbhan aca air am beulaibh agus a’ suidhe druim ri dhruim, feumaidh aon sgoilear a’ mìneachadh dhan caraid aige dè chuir e air, feumaidh a’ charaid a’ dèanamh an aon rud. Aig an deireadh faodaidh iad coimhead air na dealbhan aca agus bu choir dhaibh a bhith coltach ri chèile.
An do dh’fhàs e?
A h-uile duine a’ suidhe ann an cearcall le dà chàrn chairtean anns a’ mheadhan.
A’ chiad chàrn le dealbhan orra de rudan as urrainn dhaibh a chur airson fàs (measan agus glasraich).
An dàrna càrn le dealbhan orra de rudan as urrainn dhaibh a chur air na measan/glasraich airson gum fàs iad (feadhainn ciallach agus feadhainn gòrach).
Tha aon sgoilear a’ togail aon chairt bho gach càrn agus ag ràdh:
“Chuir mi fhìn _________ an-diugh agus chuir mi ________ orra.”
A h-uile duine: “An do dh’fhàs iad?”
Sgoilear: “Dhfhàs/Cha do dhfhàs”
Eisimpleirean de dhealbhan airson na cairtean:
Càrn 1 Càrn 2
Buntàta Uisge
Currain Todhar
Pònair Brochan
Ubhal Teadaidh
Subh-làir Giotàr
Uinnean Silidh
Fìon-dearcan
Leiteas
Tomato