Facal gnìomh |
An rud a thachair |
an do, cha do, gun do … |
aithnich | Dh’aithnich mi iad. | An do dh’aithnich e thu? |
bris | Bhris e an uinneag. | Cha do bhris mise càil. |
cuir | Cò chuir air an solas? | Sin am bogsa dhan do chuir mi e. |
dòirt | Dhòirt mi am bainne. | Thuirt e gun do dhòirt e an sùgh. |
fuirich | Dh’fhuirich mi greiseag. | Sin far an do dh’fhuirich mi ris a’ bhus. |
fliuch | Fhliuch an t-uisge mi. | An do fhliuch an t-uisge thu? |
freagair | Fhreagair e mo litir. | Cha do fhreagair e. |
gabh | Ghabh mi mo theatha. | Cha do ghabh mi ach deoch uisge. |
glèidh | Ghlèidh mi mo sheann ad. | An do ghlèidh thu d’ airgead? |
ith | Dh’ith mi dà bhriosgaid. | Nach do dh’ith esan càil? |
leòn | Leòn mi mo chas. | Càit an do leòn thu thu fhèin? |
leugh | Cò leugh an leabhar seo? | Cha do leugh mi fhathast e. |
mill | Mhill thu an dealbh. | An do mhill iad an latha ort? |
nigh | Nigh mi mo làmhan. | An do nigh thu an t-aodach? |
òl | Dh’òl e deoch bhainne. | Thuirt e gun do dh’òl an cat am bainne. |
put | Phut am fear mòr am fear beag. | Thuirt e nach do phut esan e idir. |
ruith | Carson a ruith thu air falbh? | Càit an do ruith thu? |
suidh | Shuidh mi aig mo dheasg. | Càit an do shuidh esan? |
slaod snàmh sreap |
Shlaod e an ròp. Shnàmh e an abhainn. Shreap e a’ bheinn. |
An do shlaod e an ròp? An do shnàmh e an abhainn? An do shreap e a’ bheinn? |
sguir sgrìobh smaoinich spìon splaisig spreadh stad. |
Sguir e a rànaich. Sgrìobh mi litir an-dè. Smaoinich mi ort. Spìon e an lus. Splaisig am bèibidh san amar. Spreadh am boma. Stad an càr. |
An do sguir e? An do sgrìobh thu do naidheachd? An do smaoinich thu air rud sam bith? An do spìon thu e? An do splaisig sibhse san amar? Cha do spreadh am boma. Cha do stad am bus. |
tuit | Thuit am cupa on a’ bhòrd. | Cha do thuit mi idir. |
tachair | Dè thachair? | Sin an duine ris an do thachair mi. |
ullaich | Dh’ullaich mi m’ obair-dachaigh. | Cha do dh’ullach mi càil airson an-diugh. |