Skip to content

Obair ìre 2

Droch, deagh, an ath, corra, fìor, seann, prìomh; deagh dhuine, an ath sheachdain; a h-uile, iomadach, iomadh, gach; gach balach, iomadach latha

Cothroman tar-churraicealaim

Dràma/slàinte/cruinn-eòlas

Ceistean a’ phrìomh mhinisteir
Dh’fhaodadh aon sgoilear a bhith na phrìomh mhinistear agus na sgoilearan eile a’ cur cheistean air.

Dh’fhaodadh e a bhith mu dheidhinn slàinte chloinne an latha an-diugh, blàthachadh na cruinne, fiachan an t-saoghail msaa.

 

Ceòl
Tagh rannan à òrain anns a bheil pàtran na seachdain.  Iarr air na sgoilearan loidhne dhathach a chur fo na facail droch, deagh, ath msaa. Coimhead air mar a tha an ath fhacal ag atharrachadh.

 

Leudachadh
Faodaidh iad fhèin rann ùr a sgrìobhadh airson an òrain, a’ cleachdadh fhacail mar droch, deagh, ath, fìor msaa, a’ sealltainn dè tha a’ tachairt dhan ath fhacal.


Òrain agus rannan

Ò mo dhùthaich (droch)

Eilean mo ghaoil (gach)
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
An eilean an fhraoich bidh daoine fuireach gu bràth,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Is toigh leam gach beann, gach gleann, gach tulach is òs,
Gach sruthan is allt gu mall tha siubhal gu lòn.
‘S toigh leam am feur ‘s gach geug a chinneas air blàr,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

 

Is toigh leam an sprèidh tha streap ri mullach nam beann,
An canach ‘s am feur ‘s gach geug a thogas a ceann,
Ò! ‘s toigh leam gach cùil, gach lùb, gach coire agus càrn,
Tha an eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Is toigh leam an cuan tha cuartach’ eilean mo ghràidh,
‘S na tonnan a ghluaiseas uallach ullamh gu tràigh.
Is toigh leam na h-èisg ‘s gach creutair beag a nì tàmh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Is toigh leam an òigridh, cheòlmhor, cheanalta, ghrinn,
A sheinneas na h-òrain, còmhnard, aighearach, binn.
Is toigh leam gach gruagach shuairc’ tha ‘g imeachd air sràid,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Is toigh leam gach eun th’ air sgiath an eilean mo ghràidh,
Bidh uiseag na speur ag èigheach madainn gach là.
Bidh smeòrach nan geug ‘s i fhèin a’ seinn air a gràdh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Tha uisgeachan mìn ri cìreadh fuiltein nan gleann,
Fo bhilich an fhraoich tha gaoir is faram nan allt.
Tha osag na gaoith gu coibhneil thairis gach là,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Tha ghealach ‘s a’ ghrian ag iadhadh eilean mo ghràidh,
Toirt thairis am miann gu sìol a thabhairt gu fàs.
Tha ùghdar nan reult E Fhèin ag amharc gach tràth,
Air eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

 

Rèis atlas  (Prìomh bhailtean)
Thoir atlas do gach paidhir sgoilearan. Dèan rèis: feumaidh iad am prìomh-bhaile de dhiofar dhùthchanan a lorg cho luath ’s as urrainn dhaibh.
me

“Ainmich prìomh bhaile na Frainge.”

Feumaidh iad freagairt ann an seantans.

“’S e Paris prìomh bhaile na Frainge.”

 

Deagh/Droch

Nuair a tha sibh a’ bruidhinn air teacs, far a bheil e freagarrach, faodaidh sibh clàr beag a dhèanamh mar bhuidheann.

Deagh dhuine Droch dhuine
   
   
   

Feumaidh iad liosta a dhèanamh de na caractaran fon tiotal cheart agus adhbhar a thoirt seachad.

 

Leudachadh

Faodaidh tu seo a chleachdadh airson diofar chuspairean. Tha e math airson deasbad a thòiseachadh.

Deagh bheachd/droch bheachd
Deagh sheantans/ droch sheantans (Cùirt sgrìobhadair)
Deagh bhuadhair/ droch bhuadhair

msaa

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024