Skip to content

Obair ìre 3

Rugadh e ann an New York. Cha togar an sgoil ùr airson còig bliadhna eile. Chaidh na h-uinneagan a bhristeadh. Chaidh mo chumail air ais.

Gnìomhan

DTT2 – Duilleagan Obrach

Cuir gach toiseach
Dè thachair?
Chaidh mo leòn 1
Chaidh mo leòn 2

Tòiseachan – Na triùir bhràithrean

 


 Cothroman tar-curraicealam

 

Càit an deach do thogail?

Dèan rannsachadh air daoine ainmeil a tha co-cheangailte ris a’ chuspair air a bheil sibh ag obair, airson faighinn a-mach càite an do rugadh agus an do thogadh iad. Lìon na builgeanan cainnt, a’ cleachdadh pàtran na seachdain –
“Chaidh mo bhreith ann an _______________ agus chaidh mo thogail ann an ________”

no

“Rugadh mi ann an _________________ agus thogadh mi ann an __________”

 

Images: Gandi and Mother Theresa

 

Leudachadh (ealain)

Faodaidh iad dealbh a dhèanamh de chuideigin ainmeil le builgean cainnt.


Cruinn-eòlas

Ainmean àite – a’cleachdadh mhapaichean

Cleachd mapaichean de dh’Alba airson sùil a thoirt air ainmean àite, beanntan agus aibhnichean. Feumaidh a’ chlann rannsachadh a dhèanamh airson faighinn a-mach ciamar a chaidh na h-àitichean seo ainmeachadh.

Mas e ‘s gun deach an ainmeachadh as dèidh feartan cruinn-eòlais, feumaidh na sgoilearan na mapaichean a chleachdadh airson faighinn a-mach a bheil na h-ainmean seo freagarrach.

Mas e ‘s gun deach an ainmeachadh as dèidh sgeulachd à beul-aithris, feumaidh na sgoilearan barrachd fhaighinn a-mach mun dheidhinn.

Faodaidh iad òraid a dhèanamh dhan a’ chlas, no sgrìobh paragraf mu dheidhinn, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

“Chaidh seo ainmeachadh às dèidh…..”
“Thathar a ràdh gun deach seo ainmeachadh às dèidh…”

Dràma

Ag obair le caraid, feumaidh na sgoilearan sgeulachd èibhinn a dhèanamh suas air ciamar a chaidh rudan àbhaisteach ainmeachadh.

m.e.
Spàin – “Chaidh spàin ainmeachadh as dèidh an dùthaich An Spàinn oir ann an 1614 nuair a sheòl ….. m.s.a.a!

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024