Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ceart.Tha e ràdh gum bi e deiseil a-màireach. Tha mi a’ smaoineachadh gun do chuir iad litir thuice. Thuirt e nach eil an còrr ann. ‘S dòcha gun tèid mi ann.
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
Iarr air a’ chloinn ceist fhaighneachd do tidsear eile no do rùnaire na sgoile. Nuair a thilleas iad faighnich dhaibh:
“Dè thuirt Miss NicAoidh?”
Feumaidh iad freagairt mar
“Thuirt i gum bi/ nach robh…” agus m.s.a.a.
Faighnich dhaibh mu dheidhinn rudan a thachair aig an taigh.
“Dè thuirt do mhàthair nuair a rinn thu sin?” “Dè thuirt do phiuthar nuair a ….?”
Gnìomh
Cò aig a tha na h-iuchraichean?
A h-uile duine a’ suidhe ann an cearcall, le aon sgoilear anns a’ mheadhan le sùilean dùinte agus iuchraichean air a chùlaibh. Feumaidh sgoilear eile na h-iuchraichean a ghoid agus suidhe air ais anns a’ chearcall. Feumaidh a’ chiad sgoilear tomhais cò ghoid na h-iuchraichean, ag ràdh:
“Tha mi a’ smaoineachadh gun do ghoid………na h-iuchraichean.”
Geama ‘Dè thuirt i?’
Cleachd pupaid agus can rud mar ‘Tha mi sgìth’, ‘tha mi trang’, ‘tha mi brònach’ msaa. An uair sin cuir an ìre gu bheil thu a’ fàs bodhar agus faighnich don chloinn ‘Dè thuirt i/e?’ Cuidich iad le bhith a’ toirt dhaibh eisimpleirean airson a’ chiad ghreis agus an uair sin leig leotha freagairt:
(Pupaid) Obh obh! Tha mi sgìth.
(Thusa) Dè? Dè thuirt thu? (ris a’ chloinn) Dè thuirt Ailig?
(Thusa, a’ cuideachadh na cloinne) Thuirt e gu bheil e sgìth.
Nuair a dh’fhàsas iad cleachte ris, leig leotha fhèin am pupaid a chleachdadh.
Orain agus Rannan
Dè tha anns a’ bhogsa?(Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil …)