Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ceart.Tha e ràdh gum bi e deiseil a-màireach. Tha mi a’ smaoineachadh gun do chuir iad litir thuice. Thuirt e nach eil an còrr ann. ‘S dòcha gun tèid mi ann.
Cothroman tar-curraicealam
Matamataig – Tuairmsean
Tha am pàtran seo riatanach airson còmhradh a dhèanamh air tuairmsean.
Innis dhan a’ chloinn nach ann mu dheidhinn cunntadh a tha seo ach mu dheidhinn a bhith dèanamh tuairmse.
Cleachd cunntairean, pònairean, no ciùbaichean. Togaidh gach sgoilear làn-dùirn dhiubh agus feumaidh iad tuairmse a dhèanamh air cia mheud a tha aca, ag ràdh;
“Tha mi a’ smoineachadh gu bheil…..agam.” no “Tha mi a’ smaoineachadh gun do thog mi…”
Feumaidh iad an uair sin cunntadh cia mheud a tha ann.
Eisimpleirean eile:
Cia mheud peansail a tha anns a’ phoit air a’ bhòrd agad?
Cia mheud duilleag a tha anns an leabhar An Gruffalo?
Coimhead air an loidhne seo. Càite a bheil àireamhan 6, 4, 2. (?)
0………………………………………………………………….10
Coimhead air an dealbh seo. Dh’ith Mìcheal Muncaidh iad uile. Cia mheud a dh’ith e?
Dè cho àrd ’s a tha an tidsear agad?
Dè cho fada ’s a tha do chas?
Cia mheud botal uisge a thèid dhan a’ bhaga?
Dè tha na caractaran a’ smaoineachadh?
Cuir plastaig air builgeanan cainnt agus smaoineachaidh (meud A4).
Nuair a tha sibh a’ leughadh sgeulachd, stad aig pìosan sònraichte agus feumaidh na sgoilearan, ann am buidhnean beaga, sgrìobhadh sìos na tha na caractaran a’ smaoineachadh neo dè bhios iad ag ràdh.
Feumaidh iad an uair sin innse dhan a’ chlas na sgrìobh iad, ag ràdh;
“Tha am madadh allaidh a’ smaoineachadh gum bi na mucan blasta.”