Tha e air tilleadh; tha mi air tòrr a dhèanamh; tha mi air an dèanamh
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
“Cia mheud paragraf a tha thu air a sgrìobhadh?”
“A bheil thu air an obair-dachaigh agad a dhèanamh fhathast?”
“Tha mi air tòrr obair a dhèanamh an-diugh!”
Gnìomh
Cuir suas dealbhan air a’ bhòrd bogaidh/ no air a’ bhalla agus feumaidh a’ chlann am pàtran ceart a thaghadh gus am faic iad an t-eadar-dhealachadh eadar “tha mi a’…..” agus “tha mi air ….. a….”
me
“Tha Calum a’ ceannach preusant”
no
“Tha Calum air preusant a cheannach”
msaa
Cò mi?
Ag obair còmhla ri caraid, feumaidh na sgoilearan smaoineachadh air cuideigin ainmeil. Faodaidh e a bhith na chluicheadair ball-coise, na sheinneadair, no cuideigin à eachdraidh.
Feumaidh iad 3 pìosan fiosrachaidh a sgrìobhadh a’ cleachdadh pàtran na seachdain gus am faigh an caraid a-mach cò e/i.
me
Sgoilear 1:
“Tha mi air ball-coise a chluich airson Sasainn”
“Tha mi air ball-coise a chluich airson L.A Galaxy.”
“Tha mi air Spice Girl a phòsadh.”
“Cò mi?”
Sgoilear 2:
“An e Daibhidh Beckham a th’ ann?”
Sgoilear 1:
“’S e.”
Òrain
Tillidh Mi
Tha samhradh bliadhna eile air tighinn
Ach cha thog mo ghrian an-àird
Mo chasan trom ‘s iad ‘g iarraidh dhachaigh
‘S m’ inntinn dol mun cuairt
Tha mi fallain, tha mi òg
Ach lag ‘s mi bàthadh gun do phòg
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Tillidh mi dhachaigh, tillidh mi dhachaigh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Bho àm gu àm bidh mise a’ coiseachd
Nam ònrachd sìos an t-sràid
Mi smuaineachadh air abhainn fhada
Tha laighe fad’ bhon rathad
’S i gu bhith làn le bric a’ snàmh
‘S tachas dian na mo làimh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh.
Nuair a thuiteas oidhche orm
‘S e àm as miosa a th’ ann
Mise laighe na mo leabaidh
‘S thusa na mo cheann
Cha bhiodh an samhradh cheart cho doirbh
‘S tu nad shìneadh ri mo thaobh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh.
Faclan aig Calum Dòmhnallach (www.runrig.co.uk)