Skip to content

Obair ìre 2

Bidh/ bithidh/am bi/gum bi/cha bhi/ a bhios; Bidh mi a’ dol ann gach seachdain

Gnìomhan

Aithris labhairt

Cleachd dealbhan mar gu h-ìosal le builgnean còmhraidh simplidh. Bruidhinn mu na tha na daoine ag ràdh:

Dè tha an nighean bhàn a’ faighneachd?

Tha i a’ faighneachd am bi am nighean eile don don Fhèis a h-uile seachdain.

Dè tha an nighean eile ag ràdh?

Tha i ag ràdh nach bi. Tha i ag ràdh gum bi i a’ dol ann a h-uile daracha seachdain.

Carson?

Oir bidh i a’ fuireach còmhla ri Dadaidh air na seachdainean eile.

 

Graphic: Aithris labhairt

 

Geama: ‘Dè th’ ann?’

Feumaidh a’ chlann uile smaoineachadh air rud àbhaiseach a gheibh thu san taigh no san sgoil. Feumaidh càch obrachadh a-mach dè th’ ann le bhith a’ cur cheistean, me:

Am bi e san taigh bheag mar as trice?

Am bi e air bòrd mar as trice?

Leudachadh

Gabhaidh gnìomhairean eile a thoirt a-steach san tràth theachdail, mar a leanas:

Am faigh thu e san taigh bheag?

msaa

 


Cothroman tar-curraicealam

Matamataig: Clàran-ama airson thrèanaichean msaa

Coimhead air clàr-ama agus bruidhinn mu na goireasan-siubhail. Thoir ceistean don chloinn mar a leanas:

Tha mi ag iarraidh a dhol a Ghlaschu à Dùn Èideann às dèidh trì uairean feasgar. Cuin a bhios a’ chiad treàna a’ fàgail Dhùn Èideann?

msaa

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024