Skip to content

Obair ìre T

Bidh/ bithidh/am bi/gum bi/cha bhi/ a bhios; Bidh mi a’ dol ann gach seachdain

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Gabh a h-uile cothrom na structaran seo a chleachdadh:

Cò bhios a’ dol gu Asda? Bidh Anna agus Calum agus Iain agus Sahira. Agus cò bhios a’ dol gu Tesco? Bidh Dòmhnall agus Sophie agus Chloe. Bidh mise a’ dol gu Asda cuideachd. Bidh mi dol ann a h-uile seachdain. Uaireannan bidh mi a’ dol gu Tesco air an t-slighe dhachaigh às dèidh na sgoile. Bidh mi ceannach rudan beaga mar phinnt bainne an sin.


Gnìomhan

‘Survey’ sìmplidh
Bruidhinn mu rud mar Asda/Tesco/bùithtean eile (faic gu h-àrd), no na rudan sam bi daoine an sàs aig an deireadh sheachdain agus dèan liosta mar a leanas:
Bidh Anna a’ dol gu Tesco          Bidh Anna a’ dol don Fhèis Disathuirne
Bidh Iain a’ dol gu Asda              Bidh Iain a’ cluich ball-coise Disathuirne
Bidh Chloe a’ dol gu…                  Bidh Chloe a’ dol gu Tesco Disathuirne
msaa                                                msaa


Cothroman tar-curraicealam

Ceòl
‘Bidh Damhan-Allaidh a’ dannsa’ air Gluais

Topaig: Daoine a chuidicheas sinn
Mar phàirt den topaig, figh a-staigh an structar mar a leanas:
Càit am bi dotair ag obair?
Dè bhios dotair a’ dèanamh?
Dè an t-aodach sònraichte a bhios air dotair?
Dè na rudan a bhios dotair a’ cleachdadh?
msaa

Topaig: Beathaichean
Mar phàirt den topaig, figh a-staigh an structar mar a leanas:
Càit am bi thu a’ faicinn losgann?
Càit am bi damhain-allaidh a’ dèanamh lìon?
Dè an stuth a bhios eun a’ cleachdadh gus nead a dhèanamh?
msaa

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024