Skip to content

Obair ìre 1

Bidh/ bithidh/am bi/gum bi/cha bhi/ a bhios; Bidh mi a’ dol ann gach seachdain

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Gabh a h-uile cothrom na structaran seo a chleachdadh:

Cò bhios a’ dol gu Asda? Bidh Anna agus Calum agus Iain agus Sahira. Agus cò bhios a’ dol gu Tesco? Bidh Dòmhnall agus Sophie agus Chloe. Bidh mise a’ dol gu Asda cuideachd. Bidh mi dol ann a h-uile seachdain. Uaireannan bidh mi a’ dol gu Tesco air an t-slighe dhachaigh às dèidh na sgoile. Bidh mi ceannach rudan beaga mar phinnt bainne an sin.


Gnìomhan

Mìneachadh
Cuir seachad ùine a’ mìneachadh nam pàtran agus mar a tha sinn gan cleachdadh airson bruidhinn air rudan a bhios sinn a’ dèanamh gu bitheanta no gu cunbhalach (bidh mi a’ cluich ball-coise a h-uile seachdain; bidh sinn a’ dol don Fhraing a h-uile bliadhna air saor-làithean). Cuir suas na riochdan ann an seataichean (am bi thu a’/bidh mi a’/cha bhi mi a’) air a’ bhalla no air a’ bhòrd gus am faic a’ chlann iad, m.e. mar phostairean ann am builgnean cainnt.

Planadh
Dèan griod-planaidh dhe na rudan a bhios an clas a’ dèanamh gu bitheanta:
Gach Diluain bidh sinn a’ cluich ball-coise san talla
Gach Dimàirt bidh an tidsear-ciùil a’ tighinn
msaa

Latha nam bheatha
Dèan griod-planaidh a’ sealltainn mar a tha latha àbhaisteach nad bheatha.
Aig 7.30 bidh mi ag èirigh
Aig 8.00 bidh mi a’ gabhail bracaist. Bidh mi a’ gabhail rice cripies le bainne agus glainne sùgh orains
msaa

Lotto uairean
Dèan griod lotto le uairean agus cairtean le seantantas. Feumaidh a h-uile duine cairt a chur mu choinneamh gach uair:

7.30

Bidh mi a’ dùsgadh agus a’ cur orm mo chuid aodaich

8.00

Bidh mi a’ gabhail bracaist

8.30

Bidh mi a’ fàgail an taighe

9.00

Bidh an sgoil a’ tòiseachadh

11.00

Bidh sinn a’ dol a-mach airson àm-cluiche

12.30

Bidh sinn ag ithe ar lòin

1.30

Bidh sinn a’ dol air ais don chlas

3.00

Bidh sinn a’ dol dhacaigh

5.30

Bidh mi ag ithe mo dhìnneir

8.00

Bidh mi a’ dol dhan leabaidh

Geama: Bidh mi a’ dol dhan sgoil
Coltach ri ‘Duck, Duck, Goose’. Bidh a’ chlann nan suidhe ann an cearcall. Coisichidh aon duine timcheall taobh a-muigh a’ chearcaill, is bragaidh e air ceann gach duine san dol seachad. Canaidh e latha. Mas e latha a th’ ann air am bi e dol dhan sgoil (i.e. Diluain – Dihaoine), cha tachair sìon. Mas e latha a th’ ann air nach bi, feumaidh an duine sin èirigh agus feuchainn an rug e/i air mus fhaigh e timcheall agus air ais don àite san robh an neach eile na shuidhe.
(N.B. Chan eil a’ chlann a’ cleachdadh an structar ach tha thusa sa mhìneachadh)


Cothroman tar-curraicealam

Latha an am beatha Ronaldino/Gordon Brown msaa
Mar gu h-àrd (Latha nam Bheatha), ach stèidhichte air rannsachadh mu dhuine ainmeil.

Latha an am beatha Hamza
Mar gu h-àrd (Latha nam Bheatha), ach stèidhichte air rannsachadh mu bheatha neach ann an dùthaich eile. Ghabhadh seo a leudachadh gu bhith a’ dèanamh coimeas eadar beatha ann an Alba agus beatha ann am (me) Etiopia:
Bidh mise a’ dol dhan sgoil ann am bus. Bidh Hamza a’ coiseachd còig mile don sgoil.
Bidh mise a’ faighinn uisge às a’ ghoc. Bidh Hamza a’ faighinn uisge bho thobar ann a’ bhaile aige.

Ceanglaichean ghoireasan
Cànan agus Cleas: clàran planaidh

 



Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024