Agam/agad/aige/aice/againn/agaibh/aca; annam/annad/ann/innte/ annaibh/annaibh/annta; asam/asad/as/aiste/asainn/asaibh/asta; bhuam/uam/bhuat/bhuaithe/bhuaipe/bhuainn/bhuaibh/bhuapa; dhìom/dhìot/dheth/dhith/dhinn/dhibh/dhiubh;
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
Anns a’ mhadainn
“An tug thu dhomh an litir?” “Thug mi dhut an litir.”
Aig àm dìnneir
“A bheil bogsa-bìdh agad an-diugh?”
“An tug thu leat deoch?” “Thug mi leam deoch.”
An dèidh àm cluiche
“Tha do bhrògan fliuch. Cuir dhìot do bhrògan.” “Chuir mi dhìom mo chòta.”
Aig àm dol dhachaigh
“Cuir ort do chòta.” “Chuir mi orm mo bhòtannan.”
Gnìomh
Leam/leat/leis/leatha
A h-uile duine ann an cearcall agus aon duine a’ tòiseachadh le bhith ag ràdh,
“Is mise Catriona agus ’s toigh leam seinn.”
Tha an ath dhuine ag ràdh,
“Is tusa Catriona agus is toigh leat seinn. Is mise Murchadh agus is toigh leam isbeanan.”
Tha an ath dhuine ag ràdh,
“Is mise Catriona agus is toigh leatha seinn. Is esan Murchadh agus is toigh leis isbeannan. Is mise Màiri agus is toigh leam an samhradh.”
Cùm a’ dol timcheall a’ chearcaill mar seo.
A bheil càr agad?
Cuir an clas ann am buidhnean. Gluais timcheall a’ chlas a’ toirt a-mach diofar rudan fhad ’s a tha thu a’ dol mun cuairt.
me
A’ toirt peansail do nighean. “A bheil peansail aice?” “Tha peansail aice.”
A’ toirt dà leabhar do bhuidheann. “A bheil trì leabhraichean aca?” “Chan eil, tha dà leabhar aca.”
A’ toirt càr do bhalach. “A bheil làraidh aige?” “Chan eil, tha càr aige.”
Dè am beathach a th’ annam?
Bidh aon sgoilear a’ fàgail an t-seòmair agus feumaidh càch smaoineachadh air beathach air a shon. Nuair a thilleas e, feumaidh e tomhais dè am beathach a tha ann. Bidh e a’ faighneachd cheistean mar:
“A bheil gob orm?”
“A bheil cluasan mòra orm?”
“A bheil nead agam?”
Lìon na beàrnan
Cuir ri chèile seantansan sìmplidh. Bhiodh seo math air a’ bhòrd gheal, me:
msaa
Geama
‘Dè chuir mi dhìom’ (DTT1)
Cothroman tar-churraicealaim
Matamataig
Bingo
(Ann am buidhnean beaga)
Thoir cairtean le àireamhan orra dhan chloinn. Feumaidh iad dath a chur air an àireamh a tha an tidsear ag ràdh. Bidh an sgoilear a chuireas dath air na h-àireamhan gu lèir aige an toiseach a’ buannachadh.
“Cò aig a bheil 5?” “Tha còig agamsa.”
“Cò aig a bheil am freagairt do 5×8?” “Tha e agamsa.”
msaa
Faodaidh tu dathan, dealbhan, daoine bho leabhraichean leughaidh a chleachdadh cuideachd.
Cleasachd
Òrduighean
“Leum air aon chas ma tha cù dubh agad.”
“Ruith dhan oisean ma tha briogais-ghoirid gheal ort.”
“Cuir do làmhan air do ghlùinean ma tha seinn a’ còrdadh riut.”
msaa
Geama
‘Cuir ort do chòta’ (DTT1)
Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)
Is mise an coileach (riut)
Dè nì mi gun lèine ghlan? (agam)
An sgoil (agam)
Bradan beag is bradan mòr (agam)
Chaidh sinn a bhuain na mònach (againn)
Ma tha thu toilichte an-diugh (dhomh)
Blàrag (dhut, dhomh)
Dè tha anns a’ bhogsa? (dhomh)
Peantaidh mise dealbh dhut (dhut)
A chur nan gobhar às a’ chreig (leam)
Nuair bha mi na mo mhaighdinn (leam)
Is toigh leam a bhith a’ peantadh (leam)
Dè ’m fear as fheàrr leat? (leat/dhìom)
Tha an t-acras orm (orm)
Tha bonaid orm a-nis (orm)
Làmhan anns a’ bhùrn (ort)
Thoir dhìot do chòta (dhìot)