adan, brògan, sràidean; càraichean, litrichean; balaich, solais, pinn; ri balaich, bogsa mhaidsichean; na balaich, na h-adan; do na bodaich, le na h-adan; taigh-beag nan gillean; Radio nan Gàidheal
A’ faicinn phàtrain ann am faclan
Ag obair còmhla ri caraid, iarr air na sgoilearan na facail airson còrr is aon rud , bho na leabhraichean leughaidh aca, a sgrìobhadh sìos air pìosan beaga pàipeir. (Faodaidh tu seo a dhèanamh mar chlas ged a tha diofar bhuidhnean air diofar leabhraichean.)
Nuair a tha iad deiseil dhen sin, dèan colbhan air a’ bhòrd gheal. Iarr air a’ chiad dithis aon de na faclan aca, me nigheanan. Cuir –(e)an aig mullach a’ chiad cholbh agus faighnich dha na buidhnean eile a bheil facail aca a’ crìochnachadh leis an aon phàtran. Faodaidh iad tighinn suas agus na pìosan pàipeir a chur anns a’ cholbh sin le blu-tac.
Iarr air na buidhnean diofar dheiridhean agus cùm a’ dol mar seo.
me
-(e)an |
-(a)ichean |
-(e)annan |
-(a)idhean |
Gu tur eadar-dhealaichte |
nigheanan brògan mucan taighean |
càraichean | dùthchannan | cogaidhean gàraidhean |
coin beanntan
msaa |
Leudachadh
Ann am buidhnean beaga, iarr orra facail eile a sgrìobhadh sìos airson an cur ris gach colbh.