Skip to content

Obair ìre 1

adan, brògan, sràidean; càraichean, litrichean; balaich, solais, pinn; ri balaich, bogsa mhaidsichean; na balaich, na h-adan; do na bodaich, le na h-adan; taigh-beag nan gillean; Radio nan Gàidheal

 

Thig dhan a’ chlas le truinnsear làn orainsearan. Faighnich do na sgoilearan, “Dè tha air an truinnsear?” Bu chòir dhaibh “Orainsearan” a ràdh.

Tog suas aon dhiubh agus faighnich “Dè th’ agam an seo?” “Orainsear.”

Faighnich dhaibh dè an diofar eadar na facail: ie ‘-an’ aig an deireadh.

Dèan dà cholbh air a’ bhòrd gheal agus cuir facail a tha a’ leantainn an aon phàtran anns a’ chiad cholbh, agus feumaidh iadsan, le taic, an dàrna colbh a lìonadh.  Cuir loidhne fon deireadh gus an seas e a-mach.

Orainsear
Bròg
Duilleag
Cluas
Tunnag

Orainsearan
brògan

 

Leughadh

Leugh sgeulachd dhan a’ chlas. Feumaidh iad na basan aca a bhualadh nuair a tha iad a’ cluinntinn facal a tha a’ ciallachadh còrr is aon rud.

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024