Skip to content

Seo, sin, siud

Mineachadh

Tha na faclan seo, siud, sin air an cleachdadh airson rudan a chomharrachadh a-mach:

  • Seo far a bheil mi a’ fuireach.
  • Sin (agad) Beinn Nibheis.
  • Siud an duine mun robh mi a’ bruidhinn.

Faodar an cleachdadh leotha fhèin ann an seantans mar seo:

  • Tha seo math.
  • Feumaidh mi sin a dhèanamh.

Tha seo, sin agus ud air an cleachdadh às dèidh faclan eile airson na rudan sin a chomharrachadh a-mach:

  • Tha na taighean seo glè shnog.
  • Tha iad sin air a’ bhus a h-uile latha.
  • Tha am baile ud thall nas motha na am baile againne.

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024