Skip to content

Tha am balach beag.

Mìneachadh

Tha na faclan beag, mòr, math, dona, dubh, geal, luath, mall agus an leithid air an cleachdadh airson innse cò ris a tha rud no neach coltach.

Nuair a tha iad air an cleachdadh ann an seantans far an e a’ phrìomh chuspair cò ris a tha an rud no neach coltach, chan eil na faclan seo ag atharrachadh idir – a rèir, mar eisimpleir, an e facal fireannta no boireannta leis a bheil iad a’ dol no a bheil còrr is aon ann:

  • Tha am balach mòr. (fireannta)
  • Tha a’ chaileag mòr. (boireannta)
  • Tha na trèanaichean mòr. (còrr is aon)

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024