Tha am balach beag; tha a’ chaileag mòr; tha na trèanaichean luath.
Gnìomh
Am Baga Seunta
(Feely bag)
Cuir diofar rudan ann am baga. Feumaidh aon sgoilear mìneachadh an rud a tha e a’ faireachdainn anns a’ bhaga, a’ cleachdadh bhuadhairean. Feumaidh na sgoilearan eile tomhas dè th’ ann.
me
“Tha an rud seo cruaidh, fuar…”
’S dòcha gum feum thu a dhol thairis air buadhairean feumail aig an toiseach.
Cothroman tar-churraicealaim
Ealain
Èist is dèan
Thoir pìos pàipeir do gach sgoilear, mìnich rudeigin dhaibh, a’ cleachdadh tòrr bhuadhairean, agus iarr orra dealbh a tharraing dheth.
me Faodaidh tu sealladh a mhìneachadh.
Dèan dealbh de thaigh ann am meadhan a’ phìos pàipeir agad. Tha dà uinneig air. Tha na h-uinneagan mòr agus donn. Tha an doras àrd, gorm. Tha simileir air a’ mhullach. Tha an similear leathann agus purpaidh. Tha ceò ghlas a’ tighinn às.
Air beulaibh an taighe tha cù na shuidhe. Tha na cluasan aige fada, curlach agus dubh … msaa
Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)
Tha mo chòta bog fliuch
Tha mise mòr, tha ’n luchag beag