adan, brògan, sràidean; càraichean, litrichean; balaich, solais, pinn; ri balaich, bogsa mhaidsichean; na balaich, na h-adan; do na bodaich, le na h-adan; taigh-beag nan gillean; Radio nan Gàidheal
Gnìomh
Cruinnich rudan inntinneach air a bheil thu ag iarraidh air a’ chloinn dealbh a thoirt seachad. Thoir aon rud inntinneach do gach buidheann beag. Feumaidh iad na còig mothachaidhean aca a chur gu feum gus buadhairean a sgrìobhadh sìos mu dheidhinn an rud aca.
’S urrainn dhaibh seo a dhèanamh a-muigh mu dheidhinn rud sònraichte anns an raon-chluiche, me craobh.
Faodaidh iad am fiosrachadh seo a chleachdadh gus sgeulachd inntinneach a sgrìobhadh mar bhuidheann.
Airson sgrìobhadh
Cruinnich liosta de bhuadhairean a tha freagarrach airson ìre na cloinne. Cuir plastaig (laminate) air agus faodaidh na sgoilearan sin a chumail air na bùird aca aig àm sgrìobhaidh airson na sgeulachdan a dhèanamh nas inntinniche.
Tha liosta math air làrach-lin gàidhlig air-loidhne.
Ceangal stuthan
Dòigh eile air a ràdh
Thoir seantansan neo-inntinneach don chloinn. A’ cleachdadh an leabhair, Dòigh eile air a ràdh, feumaidh iadsan an dèanamh nas inntinniche le bhith a’ cur bhuadhairean nas fheàrr ann an àite an fheadhainn ghorm.
me
Tha Maighstir MacAoidh math.
Bha am balach ann an Clas 7 gu math glic ach bha an nighean gòrach.
Chan eil mise a’ faireachdainn gu math; tha mi a’ faireachdainn gu dona.
Buadhairean Brèagha
Iarr air a’ chloinn coimhead ann an leabhraichean airson deagh eisimpleirean de bhuadhairean a lorg agus a sgrìobhadh. Tha An Gruffalo math airson buadhairean. Cruinnich iad air a’ bhòrd. Faodaidh iad smaoineachadh air buadhairean eile air a bheil iad eòlach.
Feumaidh gach sgoilear aon bhuadhair a thaghadh. Feumaidh e a tharraing agus a sgeadachadh airson a’ chiall a shealltainn.
Dèan taisbeanadh air a’ bhalla leis na buadhairean. Fàg beàrn air an taisbeanadh airson cothrom a thoirt do na sgoilearan barrachd eisimpleirean a chur ris, bho leabhraichean no sgrìobhadh na cloinne fhèin.
Tomhais dè!
Ann am buidhnean, bidh aon sgoilear às a’ bhuidheann a’ taghadh pìos pàipeir le rudeigin sgrìobhte air. Feumaidh an sgoilear sin ceithir buadhairean a thoirt seachad a tha a’ mìneachadh an rud. Feumaidh càch anns a’ bhuidheann aige tomhais dè th’ ann. Ma tha iad ga fhaighinn ceart, gheibh iad dà chomharra, agus feuchaidh an ath bhuidheann ris an aon rud a dhèanamh. Mura bheil iad ga fhaighinn ceart, faodaidh cuideigin bho bhuidheann eile feuchainn ri aon chomharra fhaighinn.
Cò ris a tha e coltach?
Cuir suas dealbh air a’ bhòrd gheal a tha ceangailte ri cuspair air a bheil sibh ag obair.
Ann am buidhnean de thriùir, far a bheil aon sgoilear na sgrìobhadair, aon na dhearbhadair agus aon a bhios a’ bruidhinn, feumaidh iad smaoineachadh air buadhairean airson an dealbh a mhìneachadh.
Cruinnich na beachdan aig na buidhnean air a’ bhòrd gheal.
Tha sin nas inntinniche!
Dèan suas paragraf gun bhuadhairean ann idir no cleachd pìos a-mach à leabhar leis na buadhairean air a thoirt a-mach. Feumaidh na sgoilearan am pìos sgrìobhaidh a dhèanamh nas inntinniche le bhith a’ cleachdadh bhuadhairean a tha freagarrach.
Bhiodh e math aon eisimpleir a dhèanamh air a’ bhòrd gheal còmhla agus, an uair sin, faodaidh na sgoilearan obrachadh còmhla ri caraid air paragraf eile.
Ma tha thu a’ cleachdadh pìos a-mach à leabhar, faodaidh tu sealltainn dhaibh na buadhairean a chleachd an sgrìobhadair aig an deireadh. A bheil iad a’ cur iongnadh air a’ chloinn?
Leudachadh
Thoir paragraf a-mach à leabhar don chloinn. An toiseach, feumaidh iad loidhne a chur fo na buadhairean uile. An uair sin, feumaidh iad feuchainn ri faireachdainn a’ pharagraf atharrachadh le bhith a’ cleachdadh bhuadhairean diofraichte. me eagalach, sona.
Còcaire nan Còcairean
Feumaidh na sgoilearan leigeil orra gur e còcairearan air an TBh a tha annta a’ deasachadh biadh. Feumaidh iad mìneachadh na tha iad a’ dèanamh, a’ cleachdadh nas urrainn dhaibh de bhuadhairean. Feumaidh iad feuchainn ri bhith cho dealasach ri na còcairean a tha air an TBh. Bhiodh e spòrsail na sgeidseachan beaga a chlàradh le camara bhidio.