Skip to content

Tha mi dol a sheinn – Tha mi dol a dhèanamh dealbh

Mìneachadh

Tha tha, a bheil, chan eil air an cleachdadh còmhla ri dol agus faclan gnìomh leithid tilleadh no seinn airson innse mu rud a tha cuideigin an dùil a dhèanamh.  

’S e an riochd as sìmplidhe den seo:

  • Tha mi dol a thilleadh.
  • Tha mi dol a sheinn.

Tha a’ chiad litir den fhacal gnìomh a’ leantainn nam pàtran seo:

  • b, c, d, g, m, p, t: Tha mi dol a choiseachd dhachaigh.
  • f + a/e/i/o/u: Tha mi dol a dh’fhuireach.
  • f + l/r: Chan eil mi dol a fhreagairt.
  • a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù: Tha mi dol a dh’òl deoch.
  • l, n, r: Tha mi dol a leughadh, a nighe, a ruith.
  • s, sl, sn, sr: Tha mi dol a shuidhe, a shnàmh, a shreap.
  • sg, sgl, sgr, sm, sn, sp, spl, spr, st: Tha mi dol a sgrìobhadh.

Ma tha leithid dealbh no deoch a’ dol leis an fhacal gnìomh, cleachdar am pàtran a leanas:

  • Tha mi dol a pheantadh dealbh.
  • Tha mi dol a dh’òl deoch.

Tha toiseach agus deireadh fhaclan leis an alt (am bòrd, an uinneag) ag atharrachadh, a rèir a bheil am facal fireannta (bòrd) no boireannta (uinneag):

  • Tha mi dol a ghlanadh a’ bhùird.
  • Tha mi dol a ghlanadh na h-uinneig(e).

Tha am pàtran a leanas air a chleachdadh le mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad:

  • A bheil thu dol gam chuideachadh? (mi)
  • Tha mi dol gad chuideachadh. (thu)
  • Tha mi dol ga chur thugad. Tha mi dol ga òl. (e)
  • Tha mi dol ga cur. Tha mi dol ga h-ithe. (i)
  • Tha mi dol gar cluinntinn, gar n-èisteachd. (sinn)
  • Tha mi dol gur faicinn. Tha mi dol gur n-èisteachd. (sibh)
  • Tha mi dol gan dèanamh. Tha mi dol gam bruich. (iad)

[Faodar na faclan/riochdan a leanas a chleachdadh sa phàtran seo an àite dol: chaidh, thèid, thàinig, dh’fhalbh, thalla, tiugainn/trobhad, chuir, dh’fhònaig, sgrìobh.]

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024